Oifigearan marcachd ann an Inbhir Nis

Bidh oifigearan poilis air muin each a' patròladh shràidean Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain.

Chan àbhaist poilis a bhith a' marcachd sa bhaile idir.

Bidh ceithir eich agus ceathrar oifigearan a' dol mun bhaile mar phàirt de dh'iomairt na nollaige air Poilis na h-Alba, Operation Respect.

Thuirt labhraiche gun robh an t-atharrachadh gu aon fheachd nàiseanta poilis a' fàgail gun robh cothrom aig poilis san sgìre air oifigearan marcachd.

Bidh na h-oifigearan rim faicinn sa bhaile oidhche Haoine agus oidhche Shathairne.