Dragh mu atharrachadh CCAGS

Fearann
Image caption Thèid £8m a bharrachd a chur ris an sgeama.

Tha draghan air nochdadh mu dheidhinn atharrachaidh a dh'fhaodadh tighinn air sgeama taic chroitearan.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh sgeama ùr a thoirt a-steach an àite CCAGS, a bhiodh fosgailte chan ann a-mhàin do chroitean, ach cuideachd do thuathanasan beaga air feadh na dùthcha.

Chaidh an sgeama ùr a thogail aig a' Buidhinn Thar-phàrtaidh air Croitearachd, a bha a' coinneachadh ann an Dùn Èideann oidhche Chiadain.

Bhiodh £10m anns na sgeama an uair sin, an àite an £2m a th' ann an-dràsta, ach dh'fhaodadh tuathanas sam bith ann an Alba nas lugha na 50 hectaire cuir a-steach airson taic fon sgeama - cha-mhòr 75% de thuathanasan na h-Alba.

Deasbad

"Bha deasbad ann mu dheidhinn an £8m a bharrachd a tha seo, ach gu bheil e a' fosgladh a-mach taobh a-muigh na croitearachd fhèin," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan, a tha a' riochdachadh Uibhist a Tuath.

"Dh'fhaodadh na mìltean a bharrachd air feadh Albann tighinn a-steach air an sgeama a tha seo.

"Agus bha eagal ann, ged a tha £8m a bharrachd ann, gum falbhadh e gu math sgiobalta, agus gu bheil croitearan a' dol a chall a-mach gu mòr," thuirt e.

Chaidh deasbad a thogail cuideachd mu dheidhinn dleastanais ùir a thàinig air clàrcan baile ri linn Achd na Croitearachd 2010.

Fon achd, feumaidh clàrcan fios a thoirt do Choimisean na Croitearachd ma tha iad draghail nach eil croit no talamh anns a' bhaile air a cumail ceart.

An-fhoiseil

Tha cuid de chroitearan air a bhith an-fhoiseil mu dheidhinn sin, 's iad a' faireachdainn gun robh an Coimisean ag iarraidh orra a bhith a' brathadh air na nàbaidhean aca.

Ach aig a' Bhuidhinn Thar-phàrtaidh oidhche Chiadain, thuirt an Coimisean nach ann mar sin a tha cùisean idir.

"Bha e air a dhèanamh soilleir nach fheumadh baile sam bith brath a chur mura robh iad air a shon," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gun robh faireachdainn ann, anns na beachdan a tha an Coimisean air fhaighinn air ais, gun robh feadhainn de na bailtean toilichte gu leòr sin a dhèanamh, agus gun robh e feumail nam b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh.

"Tha draghan ann am bailtean far a bheil iad a' faicinn chroitean nach eil air an obrachadh dòigheil," thuirt e.

Tha an Coimisean fhathast a' sireadh bheachdan bho dhaoine mu dheidhinn an dleastanasan fo Achd na Croitearachd.

Foillsichidh iad aithisg air a' chuspair anns a' Bhliadhn' Ùir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile