SSE a' strì ri dealan a thilleadh

Thuirt a' chompanaidh cumhachd SSE gu bheil iad fhathast a' strì ris an dealan fhaighinn air ais gu 5,000 duine, às dèidh na stoirme a bh' ann oidhche Chiadain.

'S ann anns na h-Eileanan Siar, an Gearasdan agus an t-Òban as motha a tha an trioblaid.

Tha SSE an dòchas gum bi an dealan air ais aig a' mhòr-chuid de dhaoine tron fheasgar.

Bha cuid de sgìrean, eadar ceann a deas na Hearadh agus Uibhist a Tuath, às aonais na fòna na bu tràithe air an là.