Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jayden Parkinson

Tha poilis ann an Oxfordshire den bheachd gur e corp an deugaire, Jayden Parkinson, a chaidh fhaighinn ann an uaigh ann an Didcot. Thòisich sgrùdadh aig cladh anns a' bhaile Dimàirt. Chaidh fios a chur air teaghlach Jayden, a bha 17 bliadhna, 's a chaidh a dhìth bho chionn cola-deug. Chaidh fear leis an robh i a' falbh aig aon àm, Ben Blakely, a tha 22, mu choinneimh na cùirte na bu tràithe an t-seachdain seo fo chasaid murt.

Sìde

Tha mu 6,000 dachaigh is togalach eile gun dealan fhathast, a' mhòr-chuid dhiubh ann an Earra-Ghàidheal, sna h-Eileanan an Iar agus Inbhir Theòrsa, an dèidh do dhroch shìde buaidh a thoirt air mòran den dùthaich a-rithist a-raoir le gèile agus uisge. Ged a tha i air socrachadh, tha i a' toirt buaidh fhathast air seirbheisean-aiseig agus tha sgoiltean dùinte.

Feachdan Armaichte

Thàinig rabhadh bho cheannard nam Feachdan Armaichte gum fàgadh tuilleadh ghearraidhean Breatainn le armachd gun dhaoine gu leòr a nì dad leis an uidheamachd. Thuirt an Seanalair Sir Nick Houghton gu bheil e 's fhìor fhàs follaiseach gu bheileas a' coimhead air luchd-obrach nam Feachdan Armaichte mar chosgais, seach rud air am bheil feum.

Cùmhnantan

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, nach tèid casg uile gu lèir air cùmhnantan nach eil a' gealltainn uairean-obrach do luchd-obrach. Thuirt Mgr Cable, ged nach eil na cùmhnantan sin a' gealltainn cosnadh gu cunbhalach, gu bheil iad a' toirt sùbailteachd do chompanaidhean agus bhuidhnean a tha a' toirt cosnadh do dhaoine.

Gearraidhean

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh air £3.5m eile a shàbhaladh air an dà bhliadhna ri thighinn. Tha buidheann-riaghlaidh na Comhairle ag ràdh gun gabh sin dèanamh gun tuilleadh ghearraidhean. Tha seo an dèidh £12m de ghearraidhean aontachadh mar-thà. Tha moladh ann gum bu chòir coimhead air leth uair a thìde gach là a ghearradh far là na sgoile.

Croitearachd

Tha dragh air croitearan mu phlana a th' aig Riaghaltas na h-Alba 'son cuir às don sgeama CCAGS, agus sgeama a chur na àite a bhiodh fosgailte do chroitearan agus cuideachd do thuathanasan beaga. Chaidh a' chùis a thogail aig coinneamh de Bhuidheann Thar-Phàrtaidh na Croitearachd agus tha dragh air riochdairean a-nis gum bi nas lugha de dh'airgead ann do chroitearachd.