Eaglais Chaitligeach ga càineadh mu Chille Chuimein
- Air fhoillseachadh
Tha càineadh ga dhèanamh air an Eaglais Chaitligich an Alba co-cheangailte ri mar a tha iad a' dèiligeadh ri daoine a dh'fhulaing droch dhìol is drabastachd nan òige.
Cha-mhòr nach eil còig mìosan bho thàinig fios mu sgainneal aig dà sgoil Chaitligeach, agus chaidh a ràdh nach eil duine le àrd-dhreuchd san eaglais air taic a thabhainn air daoine a dh'fhulaing.
A-nis, tha feadhainn a bh' ann an sgoiltean Chille Chuimein is Charlekemp air cantainn gu bheil an eaglais air an trèigsinn.
Nuair a thàinig sgainneal Chille Chuimein am bàrr, thuirt an Eaglais Chaitligeach nach robh gnothach aca ris, gur e an t-òrdugh Benedictine a bha a' ruith na sgoile.
Ach às dèidh dhan sgeulachd fàs na bu mhotha thuirt fear de dh'àrd-bhuill na h-eaglaise, an t-Easbaig Uisdean Gilbert, gun deadh a h-uile càil a ghabhadh dèanamh a dhèanamh airson nan daoine a dh'fhulaing droch dhìol is drabastachd.
Ach, còig mìosan bho nochd an sgainneil air prògram aig a' BhBC, tha e an dèidh thighinn a-mach nach do thabhainn daoine bhon eagalis taic dhan fheadhainn a dh'fhulaing.
Thuirt an Eagalis Chaitligeach ris a' BhBC gun èist iad ri duine sam bith a dh'fhulaing droch dhìol no drabastachd.