Ceann-là aontachaidh ga chall

Brataichean Image copyright Reuters
Image caption Dh'iarr Coimisean an Taghaidh air an dà riaghaltas tighinn gu aonta.

Cha tèid aig Riaghaltasan na h-Alba agus Bhreatainn air ceann-là a choileanadh Dihaoine airson tighinn gu aonta mu na thachras às dèidh referendum na neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna.

Dh'iarr Coimisean an Taghaidh air an dà riaghaltas aonta a ruighinn air na rachadh a dhèanamh ge b' e ciamar a thèid a' bhòt.

Stèidhich Coimisean an Taghaidh riaghailtean airson an referendum, agus ghabh gach taobh riutha.

B' e aon mholadh, gum feumadh Riaghaltasan Lunnainn is Dhùn Èideann aontachadh na thachradh nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd, agus nam bhòtadh an dùthaich na h-aghaidh.

Bha iad ag iarraidh gun rachadh sin a dhèanamh ro Dhihaoine na seachdain seo.

Thuirt a' bhuidheann faire gun do sheall rannsachadh gun robh am poball ag iarraidh fiosrachaidh mar seo.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil oifigich air a bhith a' coimhead ris a' chùis, agus gun robh Rùnaire na h-Alba agus Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba a' sgrùdadh an cuid obrach nuair a choinnich iad an t-seachdain a chaidh.

Tha dùil gun coinnich iad a-rithist anns a' Bhliadhna Ùir.

Thuirt Coimiseanair Thaghaidhean na h-Alba, Iain MacCarmaig, gu bheil e a' tuisginn gu bheil "adhartas ga dhèanamh", ach dh'iarr e "soilleireachd anns a' bhad".

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach tèid càil aontachadh a dh'fheumadh a bhith air fhàgail gu às dèidh co-dhùnadh na bhòta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile