Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eirinn a Tuath

Chaidh dàil a chur air còmhraidhean eadar na còig prìomh phàrtaidhean ann an Seanadh Eirinn a Tuath aig Stormont madainn an-diugh, agus oidhirpean a' leanntainn gus aonta a ruighinn mu rudan nach deach a rèiteadh le Aonta na Sìthe. Tha am fear-rèite an Dotair Ridseard Haass air a bhith a' feuchinn ri na pàrtaidhean a thoirt le chèile a thaobh rudan leithid chaismeachdan agus brataich - ach tha coltas a-nis gu bheil a' bhearn eadar na partaidhean air leudachadh. Bha còir aig còmhraidhean tòiseachadh mun àm-sa, ach tha dùil a-nis nach coinnich iad gu sia uairean a-nochd co-dhiù.

MacShane

Chaidh binn 6 mìosan a chur air fear a bha roimhe na mhinistear Làbarach son a bhith ri foill a thaobh nan cosgaisean aige. Dh'aidich Daibhidh MacShane gu do dh'innis e breugan anns na cosgaisean aige - anns na robh luach £13,000.

Tubaist rathaid

Chaidh na seirbhisean èiginn a ghairm gu tubaist-rathaid dhona ann an Siorrachd Obar Dheathain. Thachair an tubaist anns nach robh ach aona chàr, air am B9120, eadar Laurencekirk agus St Cyrus, mu chairteal gu naoi. Chaidh an rathad a dhùnadh - fhad' sa a tha rannsachadh a' leanntainn.

Rolf Harris

Thèid trì casaidean eile co-cheangailte ri ionnsaighean drabasta a thogail an aghaidh Rolf Harris, am measg sin ionnsaigh air nighean a bha seachd neo ochd bliadhna a dh'aois. Chaidh trì casaidean deug a thogail an aghaidh Mhgr Harris, a tha ceithir fichead bliadhna sa tri, mar tha. Tha dùil gun tòisich a' chùis lagh na aghaidh sa Ghiblean.

Bàs chluicheadairean òga

Tha ball-coise na h-oigridh an Alba a' caoidh mar a chaill dithis chluicheadairean òga am beatha ann an Dùn Èideann. Bhaisich Daibhidh Paul a bha 18 bliadhna agus a' cluiche do Hibs, na chadal oidhche Shathairne. Agus air madainn na Sabaid, bhaisich Jamie Skinner, nach robh ach 13 bliadhna, agus e a' cluiche do sgioba Tynecastle. Thuirt na poilis nach eil càqil amharasach mu na bàis.

Seirbheis adhair a' stad

Thig stad air an t-seirbheis stèidhte do luchd-siubhail bho Phort Adhar Dhùn Dè anns a' bhliadhn' uir. Tha an t-seirbheis aig Cityjet a' dèanamh ceangail eadar am baile agus Port Adhair London City. Thuirt a' bhuidhean HIAL nach robh gu leòr a' cleachdadh na seirbhis gus a cumail a' dol, ach gu bheil iad ag obair le Riaghaltas na h-Alba, agus Comhairle a' bhaile gus ceangal a chumail eadar an dà bhaile.

Rabhadh aimsire

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a sgaoileadh, a tha ag iarraidh air daoine a bhith air am faiceall mu ghèiltean a-màireach. Tha iad ag r`adh gun `eirich a' ghaoth tron oidhche - a' ruighinn ìre-ghèile trath madainn a-màireach.

Seirbheisean aiseig

Agus tha buaidh na h-aimsire mar tha air seirbheisean aiseig air a' chost an iar. An t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul - Cha ghluais an Isle of Lewis à Ulapul gu co-dhiù feasgar an-diugh. Tha CalMac an dòchas gun till i aig leth uair an dèidh còig a-reir 's mar a bhios an t-sìde. Tha dùil ri aiseag Bharraigh san Òban mu dha uair feasgar, agus bidh i an uairsean a' dèanamh air Loch Baghsdail agus dùil rithe a sin, mu sheachd uairean - dùil rithe am Bagh a' Chaisteil mu chairteal gu naoi. Tha dragh mu dheidhinn na h-uimhir de sheirbheisean eile - ma tha sibh am beachd siubhail - cumaibh sùil air làrach-lìn Chal Mac.