Bann-leathainn nan eilean air a chàradh

càbalan
Image caption Bha am bann-leathainn dheth 'son sia là.

Às dèidh cha mhòr seachdain às aonais a' bhann-leathainn, fhuair cuid a' choimhearsnachdan ann an Ceann a Deas na Hearadh, Uibhist is Barraigh seirbheisean eadar-lìn air ais feasgar Diciadain.

Bhuail dealanaich fear de na cruinn aig Connected Communities ann an ceann a deas Na Hearadh Dihaoine seo chaidh, 's thug sin buaidh air na seirbheisean gu deas air an sin.

Bha dùil an toiseach gur e na loidhnichean dealain agus uidheamachd dealain eile a-mhàin a chaidh a mhilleadh agus chaidh uidheamachd ùr a chur an sàs.

Ach b' fheudar dhaibh an uair sin an uidheamachd cumhachd air a' chrann chraolaidh a tha a' cur sheirbheisean bann-leathainn do na h-Eileanan a Deas a chàradh.

Rinn iad a-mach an uair sin gun robh an uidheamachd chraolaidh fhèin air a mhilleadh, ach leis an droch shìde tron t-seachdain cha robh e sàbhailte do luchd-einnsiniridh sreap nam pòlaichean 'son cùisean a chur ceart.

An-diugh ge-tà, leis a' ghaoith a' socrachadh, tha iad air a bhith ag obair tron là agus fhuaireas dearbhadh gu bheil an t-eadar-lìon a-nis ag obair do choimhearsnachdan air feadh nan eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo