Còrr is 1000 neach aig Ionad Sgithidh a' Chàirn Ghuirm

Luchd-sgithidh
Image caption Bidh mòran a' dèanamh air na slighean sgithidh gach bliadhna.

Le beagan faochaidh air an droch thìde, nochd còrr is 1000 neach-sgìthidh aig Ionad Sgithidh a' Chàirn Ghuirm Diciadain.

Le na gèiltean mòra an t-seachdain-sa chuir cabhach sneachd maill air luchd obrach na h-ionadan sgithidh, agus cha robh dealain aca son na tows.

An-diugh ge-tà, shochraich a' ghaoth agus leis a' ghrian a' dearsadh, bha còrr is mìle neach air slighean a' Coire Chais aig ionad a' Chàirn Ghuirm.

Bha ionadain Neibhis, an Leac agus Gleann Sìth uile fosgailte cuideachd, ach b'fheudar do dh'ionad sgithidh Ghlinn Chomhain dùnadh ri linn na sìde an sin.

Tha dùil gum bi na h-ionadan fosgailte air an deireadh sheachdain.