Fear à Earra Ghàidheal air urras

  • Air fhoillseachadh
Billy Irving
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Mgr Irving anns a' phrìosain bhon Damhair.

Chaidh gàirdeachas a dhèanamh ann an Earra Ghàidheal leis gun deach Billy Irving as a' Chonghail a' leigeal mu sgaoil air urras anns na h-Innseachan.

Bha Mgr Irving ag obair air bàta armaichte, Seaman Guard Ohio, nuair a chaidh an criutha air fad a chur an greim ann an Tuticorin ann an iar-dheas na h-Innseachain.

Bhiodh an Seaman Guard Ohio a' cur dìon air bàtaichean bathair bho spùinneadairan, ach bha polais nan Innseachain a' dèanamh a-mach gun robh iad air a bhith ag obair ann an uisgeachan Innseanach - rud nach bu chòir dhaibh a dhèanamh, gun robh armachd air bòrd agus gun robh iad air diosal fhaighinn gu mì-laghail - ged nach deach casaidean foirmeil a chur às an leth.

Seòladairean Onorach

Seo an ceathramh uair a dh'fheuch a' chompanaidh, AdvanFort, a tha stèidhichte anns na Stàitean Aonaichte, ri urras fhaighinn son a' chriutha, agus chuir e iongnadh air luchd-lagh gun do shoirbhich leotha - bha dùil aca gum biodh na fir an greim gu meadhain a' Ghearrain.

Thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh gun robh na seòladairean air a bhith onorach bhon a' chiad dol a-mach agus gun robh a' chompanaidh ag obair là is oidhche son taighean-òsda a chur air dòigh fhad 's a tha iad air urras, agus feuchain ris an luchd-obrach fhaighinn dhachaidh do na teaghlaichean aca cho luath sa ghabhas dèanamh.

Pàigheadh

Thuirt e nach robh fios fhathast am faigheadh na fireanaich à Breatainn air ais ron Bhliadhn' Ùir, ach gum biodh iad a' dèanamh an dìchill sin a thoirt gu buil.

Bha teaghlaich nam fear air gearain dhan chompanaidh nach deach an criutha a phàigheadh, ach a-rèir an fhir-labhairt 's e mearachd a bha sin le companaidh àrachais agus tha iad an dòchas sin a chur ceart an t-seachdain-sa.