Ceitidh Mòrag air BBC Alba

Ceitidh Mòrag
Image caption Chìthear Ceitidh Mòrag air BBC Alba air 7mh Faoilleach.

Gheibh luchd-amhairc seann is òg cothrom air an nighean bheag thoilichte, Ceitidh Mòrag, fhaicinn air BBC Alba san Fhaoilleach.

Tòisichidh an t-sreath ùr air an t-sianal aig 17:00 f. Dimàirt, 7mh den Fhaoilleach, le caileag Leòdhasach, Maia Murray Pickering a' cur a guth Gàidhlig ris a' chleasaiche Cherry Campbell, a tha a' cluich Ceitidh Mòrag.

Chithear na caractearan air fad bho na leabhraichean aig Màiri Hedderwick le Ceitidh Mòrag, a teaghlach agus na caraidean aice uile an làthair.

Image caption 'S i Maia Murray Pickering a tha a' cur a guth Gàidhlig air Ceitidh Mòrag.

Eilean Struay

Bidh Ceitidh Mòrag a' dol an sàs ann an rudan inntinneach, le àbhachd is spòrs gu leòr air 'Eilean Struay', far a bheil i a' fuireach, 's bidh i a' cur fàilte air Granny Mainlaind a bharrachd air Granny Island.

Thuirt Deasaiche Sianal BBC Alba, Mairead Chamshron 'Bha e math a bhith ag obair le CBeebies agus Move On Up agus thug iad dhuinn an cothrom Ceitidh Mòrag a chur air BBC Alba. Tha mi cinnteach gum bi Ceitidh Mòrag cho luachmhòr air BBC Alba 's a tha e air a bhith air CBeebies'.

Chaidh Ceitidh Mòrag a dheasachadh leis a' chompanaidh Move on Up, a tha stèidhichte ann an Crombaidh, agus 's e Obh Obh productions a chur guthan Gàidhlig ris a' phrògram do BhBC Alba.