Meudachadh air Sgoil-àraich an t-Sàilein

Seòmar sgoile
Image caption Thèid an t-airgead a chleachdadh leis a' Chomhairle airson an togalaich a leasachadh.

Thèid taic de £150,000 a thoirt do Sgoil-àraich an t-Sàilein ann am Muile, dh'fhoillsich Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal.

Thèid an t-airgead a chleachdadh le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson an togalaich, a tha sgoilearan agus tidsearan anns na tràth-bhliadhnaichean a' cleachdadh, a leasachadh.

Thuirt Mgr Ruiseal: "Tha an Sgoil-àraich ag obair gu cruaidh, chan ann a-mhàin airson Gàidhlig a bhith na pàirt tlachdmhòr de chlasaichean, ach airson pàrantan is eile, agus gus am faic a' chlann gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt chudromach dem beatha-làitheil."

Dripeil

Thuirt an Comhairliche Màiri Sìne Devon, a tha na Ceannard airson Poileasaidh Chloinne agus Teaghlaichean aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, gu bheil a' Chomhairle gu math dripeil ann a bhith a' cur air adhart agus a' misneachadh cùisean an luib a' chànain tron Phlana Gàidhlig.

"Tha sinn airson cur ris na h-àireamhan de luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid agus tha a' mhaoin a tha seo airson Sgoil-àraich an t-Sàilein air leth cudromach a thaobh leudachaidh, agus a' freagairt air iarrtasan a tha a' nochdadh anns a' choimhearsnachd," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile