Boireannach leònte le damh-fèidh

Damh Image copyright SNH
Image caption Tha e air a thuigsinn gun tàinig an damh a-mach às an dorchadas.

Tha boireannach ann an suidheachadh èiginneach san ospadal às dèidh dhi a bhith air a leòn le damh-fèidh ann an Loch Abar.

Bha an t-Oll. Ceit Stone à Cambridge air saor-làithean air a' Ghàidhealtachd an uair a thug am beathach ionnsaigh oirre ann an Loch Ailleart tràth madainn Diluain.

Tha e air a thuigsinn gun tàinig an damh a-mach às an dorchadas agus gun do dh'fheuch e oirre mun amhaich le chabair.

Dh'fhuiling an t-Oll. Stone, a tha 30 bliadhna a dh'aois, droch lobhtan san ionnsaigh.

Chaidh a toirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearastan agus an uair sin dhan ospadal ann an Glaschu.

Bha fear de mhuinntir an àite, Seumas Mac an t-Sealgair, ann nuair a thachair an tubaist.

"Bha sinn aig sèisean-chiùil agus aig deireadh na h-oidhche bha feadhainn a' tilleadh dhan taigh agam 'son deoch a ghabhail.

"Nuair a ràinig sinn an taigh, bha damh sa ghàrradh is bha coltas ann gun do chlisg e is theich e tron aon gheata a th' ann is bhuail e anns a' bhoireannach," thuirt e.