Albannaich deònach barrachd a phàigheadh sa Chìs Chomhairle

Airgead Image copyright PA
Image caption Ann an rannsachadh a rinn buidheann nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, thuirt dithis às gach triùir gum biodh iad deònach barrachd a phàigheadh.

Bhiodh a' chuid as motha de dh'Albannaich deònach barrachd a phàigheadh sa Chìs Chomhairle, a rèir rannsachaidh ùir, nan toireadh e piseach air seirbheisean poblach.

Ann an rannsachadh a rinn buidheann nan ùghdarrasan ionadail, COSLA, thuirt dithis às gach triùir gum biodh iad deònach barrachd a phàigheadh.

Tha an sùim a tha daoine a' pàigheadh sa Chìs Chomhairle air a bhith reòthte bho 2007, nuair a thàinig an riaghaltas SNP a-steach an toiseach, agus tha Riaghaltas na h-Alba an dòchas gun lean an reothadh sin gu 2017.

Ach, a rèir an rannsachaidh a rinn MORI às leth coimisein ùir a tha a' coimhead ri bhith a' neartachadh deamocrasaidh ionadail, phàigheadh dithis às gach triùir sùim nas motha nam biodh gealltanas ann gum faigheadh iad seirbheisean na b' fheàrr - seirbheisean leithid sgoiltean, cùraim seann daoine agus seirbheisean coimhearsnachd eile.

Thuirt 70% gum feum seirbheisean a bhith air an toirt seachad ann an dòighean eadar-dhealaichte ann an diofar sgìrean, 's nach obraich an aon rud anns a h-uile àite.

Cuideachd, fhuair an rannsachadh gu bheil 49% de dhaoine a' smaoineachadh gu bheil airgead gu leòr aig ùghdarrasan ionadail airson na seirbheisean coimhearsnachd a dh'fheumas iad a thoirt seachad.

Dùbhlan

'S e casg air àrdachadh sam bith sa Chìs Chomhairle aon de na prìomh phoileasaidhean a th' aig Riaghaltas na h-Alba; casg a th' air a bhith na dhùbhlan mòr do na h-ùghdarrasan ionadail.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach cuideachd air a bhith ga chàineadh.

Thuirt neach-labhairt nan Làbarach, Sarah Boyak, gu bheil am poileasaidh a' fàgail sheirbheisean gan gearradh gu mòr.

Thuirt i cuideachd gu bheil 35,000 neach air an obraichean a chall sna h-ùghdarrasan ionadail fo 2008, agus gu bheil cosgaisean dhaoine ag èirigh leis gu bheil prìsean airson nan seirbheisean a tha iad a' cleachdadh a' dol an-àirde.

Ach, tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' dìon a' phoileasaidh.

Thuirt neach-labhairt bhon Riaghaltais gu bheil iad a' toirt seachad airgid do na h-ùghdarrasan ionadail mu choinneimh an reothaidh sa Chìs Chomhairle agus, mar sin, nach bu chòir dha a bhith a' toirt buaidh sam bith air seirbheisean.

Dìon

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, nuair a chaidh a' chìs a reothadh an turas mu dheireadh, gu bheil iad a' feuchainn ri coimhearsnachdan a dhìon bho ghearraidhean Riaghaltas Westminster.

Mar phàirt den aonta mu dheireadh airson maoineachaidh, thuirt Mgr Swinney gun tèid £80m a bharrachd a roinn eadar na h-ùghdarrasan ionadail 'son pàigheadh airson sheirbheisean cùraim chloinne an asgaidh.

Thuirt e cuideachd gun tèid £40m a chur an dara taobh, gus an tèid aig ùghdarrasan ionadail air dèiligeadh ri buaidh cìs nan seòmraichean cadail.

Mar sin, tha eas-aonta eadar an Riaghaltas agus na h-ùghdarrasan ionadail agus na pàrtaidhean dùbhlanach air dè dìreach a bhuaidh a th' aig a' phoileasaidh seo air daoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile