Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìde

Tha uisge trom agus gaoth làidir a' toirt buaidh air mòran de thaobh siar na h-Alba, le rabhadh air tuiltean nuair a thig lìonadh a-rithist feasgar air a' chost' an iar. Sna h-Eileanan an Iar, bha meadhan bhaile Steòrnabhaigh mun Mhol a Tuath dùinte 'son ùine sa mhadainn, agus ged a tha am Fadhal a Tuath ann an Uibhist fosgailte, thathas ag iarraidh air dràibhearan a bhith gu math faiceallach an sin. Tha neart na gaoithe a' toirt buaidh mhòr cuideachd air seirbheisean aiseig.

Libia

Thàinig dearbhadh bho Oifis nan Dùthchannan Cèin gun deach duine à Breatainn a mharbhadh air taobh siar Libia. Chaidh a chorp, agus corp boireannaich à New Zealand, fhaighinn faisg air ionad gas agus ola agus e coltach gun deach losgadh orra le gunna.

Cìs Comhairle

Thuirt rannsachadh ùr gum biodh a' mhòr-chuid de dh'Albannaich deònach Cìs Comhairle nas motha a phàigheadh nam biodh seirbheisean nas fheàrr ann mu choinneimh sin. Tha Riaghaltas na h-Alba, a chur casg bho chionn seachd bliadhna air àrdachadh anns a' Chìs Chomhairle, ag ràdh gur e poileasaidh a tha sin a tha an sluagh ag iarraidh.

Ariel Sharon

Thuirt dotairean ann an Israel gun deach slàinte seann Phrìomh Mhinistear na dùthcha, Ariel Sharon, bhuaithe gu mòr bho chionn là no dhà. Tha Mgr Sharon, a tha 85, air a bhith gun mhothachadh bhon a ghabh e stròc bho chionn ochd bliadhna.

Sochairean sòisealta

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur iomairt air bhonn airson feuchainn ri dèiligeadh ri feadhainn a tha a' dèanamh foill air sochairean sòisealta. Tha iad a' cur sia sgeamaichean pìleat air dòigh ann an diofar sgìrean. Tha foill le sochairean a' cosg mu £1bn gach bliadhna dhan Riaghaltas.