NHS na Gàidhealtachd air leisgeul a thabhann

Suaicheantas McDonald's Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tèid sgrùdadh a-nis a dhèanamh air na thachair aig Dachaigh-cùraim Inbhir Neibheis.

Tha NHS na Gàidhealtachd air leisgeul a thabhann do luchd-còmhnaidh aig dachaigh-cùraim ann an Loch Abar, às dèidh mar a chaidh biadh ''fast food'' bho bhùth McDonald's a thoirt dhaibh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tèid sgrùdadh a-nis a dhèanamh air na thachair aig Dachaigh-cùraim Inbhir Neibheis sa Ghearasdan air an 27mh den Dùbhlachd.

Thàinig e am follais nach do nochd an còcaire a dh'obair mar a bha dùil airson biadh a dhèanamh dhan luchd-còmhnaidh.

Cho-dhùin ball den luchd-obrach gun deigheadh iad an uair sin a shireadh biadh aig bùth McDonald's anns a' bhaile.

Thuirt Manaidsear Sgìreil a' Bhùird, Joanna Hynd, gun robh e na phrìomhachas dhaibh biadh a thoirt do dhaoine, ach gun deach mearachd a dhèanamh.

Thuirt am Bòrd Slàinte, ma nochdas duilgheadas le seirbheis a' bhìdh, gur e am poileasaidh gum bu chòir dhaibh iarraidh air an ospadal ionadail biadh ullachadh.

Thuirt fear-labhairt bho NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air innse dhan luchd-còmhnaidh gu bheil iad air leth duilich airson na thachair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile