Fios air buile "cha bu chòir" a dhìth

Am Pàipear Geal Image copyright PA
Image caption Bheir Ms Sturgeon a h-òraid seachad aig Oilthigh Chille Rìmhinn Diluain.

Iarraidh Nicola Sturgeon air luchd-taic an Aonaidh plana sam bith a th' aca airson cur ris na cumhachdan a th' aig Holyrood fhoillseachadh.

Ann an òraid a bheir an Leas-Phrìomh Mhinistear seachad aig Oilthigh Chille Rìmhinn, canaidh i gu bheil uallach air feadhainn a tha an aghaidh neo-eisimeileachd an aon ìre de dh'fhiosrachadh a thoirt dhan fhollais 's a thug pàipear geal an Riaghaltais air a' chuspair.

Canaidh i gum feum luchd-taic an Aonaidh innse gu mionaideach dè na cumhachdan ùra a thèid a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba ma bhòtas daoine an aghaidh neo-eisimeileachd, leithid a thaobh chìsean.

"Chan e roghainn a th' anns an referendum eadar atharrachadh agus gun atharrachadh," thuirt Ms Sturgeon.

"'S ann mu dheidhinn a bhith a' roghnachadh an t-seòrsa atharrachaidh a tha sinn ag iarraidh ann an Alba, agus cò a tha sinn ag iarraidh a bhith san stiùir - sinn fhèin no Westminster.

"Tha sin a' ciallachadh gum feumar beachdachadh gu faiceallach air gach taobh a dh'fhaodadh a' bhòt a dhol, agus gu bheil uallach air gach taobh a bhith ag innse an fhiosrachaidh a tha a dhìth," thuirt i.

Ach tha Blair MacDhùghaill, stiùiriche na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, ag ràdh gu bheil an tuilleadh chumhachdan chìsean, agus airgead-iasaid mar thà san amharc do Holyrood, agus gun innis prìomh phàrtaidhean an Aonaidh, ron referendum fhèin, mar a tha iadsan a' smaointinn a thèid fèin-riaghladh na h-Alba a leasachadh san ùine a tha romhainn.

Tha Nas Fheàrr Còmhla air "liosta mhiann gun liosta phrìsean" a thoirt air a' Phàipear Gheal a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba.