Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gearraidhean

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gum feum £25bn eile de ghearraidhean a bhith ann, an dèidh taghadh coitcheann na h-ath-bhliadhna air'son dèiligeadh ri fiachan na dùthcha. Thuirt Mgr Osborne, aig òraid ann am Birmingham, gun tèid dìon air peinsean na stàite, ach gum feum gearraidhean a chur an sàs, gu h-àraidh ann am buidseat nan sochairean.

Misneachd

Tha rannsachadh am measg chompanaidhean ag ràdh gu bheil mòran dhiubh gu math misneachail mun bhliadhna a tha romhpa. Tha an rannsachadh a rinn Banca Lloyds ag ràdh gu bheil misneachd aig an ìre as àirde ann am 20 bliadhna, le mòran chompanaidhean a' sùileachadh tuilleadh obrach, reic agus prothaid.

Tubaist heileacoptair

Thòisich rannsachadh tubaist bhàsmhor ann an Obar Dheathain air tubaist heileacoptair Super Puma sa Chuan a Tuath bho chionn còig bliadhna. Chaill 16 duine am beatha nuair a thàinig an heileacoptair a-nuas mu 12 mìle an ear-thuath air Ceann Phàdraig anns a' Ghiblein ann an 2009. Sheall rannsachadh aig an àm sin gur e an gear box a bu choireach. Tha feadhainn a chaill chàirdean a' gearain mun ùine a thug e rannsachadh a chumail.

Nicola Sturgeon

Iarraidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-diugh air luchd-taic an aonaidh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad mu phlanaichean airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Tha feadhainn a tha an aghaidh neo-eisimeileachd ag ràdh ge-tà, nach eil i ach a' feuchainn ri aire a tharraing air falbh bho laigse ann am planaichean an SNP.

Droch shìde

Tha rabhadh aig Oifis na Sìde air tuilleadh droch aimsir an-diugh, a' chuid as miosa dhe ann an Sasainn, le tuinn mhòr agus gaoth mhòr air an cùlaibh a' fàgail sgìrean ann an cunnart bho thuiltean. Tha aon rabhadh ann mu thuiltean a dh'fhaodadh beatha dhaoine a chur ann an cunnart, ann an Dorset. Tha 10 sgìrean ann an Alba fhathast fo rabhadh mu thuiltean.

Cala Ulapuil

Tha obair a' tòiseachadh air cala Ulapuil an-diugh, ga leasachadh airson bàt'-aiseig ùr Steòrnabhaigh, a thòisicheas air an t-slighe anns an Lùnastal. Thèid an cidhe a leudachadh agus thèid ionad ùr a thogail do luchd-siubhail.