Crathadh air Lìog na Gàidhealtachd?

Sandy Stables Image copyright SNS
Image caption 'S e cathraiche sgioba Cheith, Sandy Stables, a tha air na molaidhean a thoirt air adhart.

Beachdachaidh Lìog na Gàidhealtachd air structar ùr aig coinneimh an t-seachdain seo.

Thèid na molaidhean bho chathraiche sgioba Cheith, Sandy Stables, mu coinneimh Comataidh Stiùiridh na Lìge Diardaoin.

Tha Mgr Stables a' moladh atharrachadh bho aon lìog de 18 sgiobaidhean gu dà lìog le 10 sgioba anns gach lìog.

Bhiodh feum air dà chluba ùr a thoirt a-steach dhan darna lìog.

Giorrachadh

'S e oidhirp a bhiodh ann air seusan Lìog na Gàidhealtachd a ghiorrachadh gus am biodh ùine ann geamaichean dearbhaidh a chluich aig deireadh an t-seusain.

Fon t-siostam pioramaid a tha a' tòiseachadh ann am ball-coise na h-Alba, bidh geamaichean eadar na sgiobaidhean a bhuannaicheas Lìog na Gàidhealtachd is Lìog na Galldachd 'son cothrom àite fhaighinn ann an Lìog na h-Alba fhèin.

Bidh na geamaichean sin ann 'son a' chiad turas ann an 2014/15.

Bhiodh plana Mhgr Stables a' fàgail lùghdachadh mòr ann an geamaichean ann an Lìog na Gàidhealtachd, bho 34 gu 18.

Cupa ùr

Tha Mgr Stables a' moladh cupa ùr a chruthachadh le co-dhuibh 6 geamaichchean gu gach sgioba gus a' bheàrn a lìonadh gu ìre.

Thathas a' tuigsinn ge-tà gu bheil cuid de sgiobaidhean iomagaineach nach biodh geamaichean gu leòr aca.

Dh'innis aon neach ann an suidheachadh àrd aig cluba san lìog dhan BhBC gu bheil dragh mòr air mu lùghdachadh ann an geamaichean lìge aig an taigh bho 17 gu 9.

Dh'fhàgadh sin toll ann an ionmhas nan clubaichean, thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile