Dragh mu thaighean làmh ri Àraich Chùil Lodair

Àraich Chùil Lodair Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dùil ri 16 taighean air iomall Bhaile an Loch.

Tha dragh air luchd-iomairt gun tèid milleadh a dhèanamh air Àraich Chùil Lodair às dèidh mar a chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt do leasachadh taigheadais.

Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt don phròiseact airson 16 taighean a thogail mu leth mhìle bhon àrach aig Viewhill ann am Baile an Loch.

Ach rinn a' chompanaidh leasachaidh Oighreachdan Inbhir Nis ath-thagradh gu Riaghaltas na h-Alba, a th' air co-dhùnadh gum faod iad a dhol air adhairt.

Thuirt labhraiche don Riaghaltas:

"Dh'fhoillsich an neach-aithris a tha an urra ris a' chùis seo sanas rùin (intentions notice) a tha a' ciallachadh gun toirear cead-dealbhachaidh seachad a rèir 's ma thèid aonta a ruighinn eadar a' Chomhairle agus an luchd-tagraidh a thaobh maoineachaidh do thaigheadas air prìs reusanta, agus leasachaidhean air slighean baidhseagail agus coise.

"Aon uair 's gun ruigear an t-aonta seo, innsidh an neach-aithris a cho-dhùnadh deireannadh air an ath-thagradh.

"Tha an neach-aithris air aontachadh le Alba Aosmhor nach eil coltas gun toir am pròiseact buaidh sam bith air caractar agus faireachdainn sgìre na h-àraich."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile