Iarrtas farmasaidh ro NHS na Gàidhealtachd

Drogaichean
Image caption Nì NHS na Gàidhealtachd co-dhùnadh nas fhaide den bhliadhna.

Chaidh planaichean connspaideach airson farmasaidh ùr ann am baile ann an Gallaibh a chur gu h-oifigeil mu choinneimh NHS na Gàidhealtachd.

Tha Buidheann Farmasaidh Apple a' coimhead ri ionad fhosgladh ann an togalach a tha an-dràsta na bhùth èisg is tiops, air Sràid MhicAoidh.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum biodh an t-ionad na bhuannachd don choimhearsnachd ann am Baile a' Chaisteil, ach tha draghan ann mun bhuaidh a bheireadh e air ionad dotair san sgìre.

Tha a bhith a' sgaoileadh dhrogaichean chungaidh-leighis na phàirt cudromach de dh'eaconamaidh na seirbheis dhotaireachd san sgìre, agus chaidh leithid de dh'ionad a bha ga chur air adhart ann an Uibhist le companaidh eile a dhiùltadh an-uiridh air an adhbhar sin.

Tha dragh air daoine gum biodh 19 cosnaidhean ionadail ann an cunnart.

Ach tha Sanhjay Majhu bhon bhuidhinn ag ràdh nach eil stèidh aig na draghan sin, agus gun toireadh farmasaidh ùr sa bhaile seirbheis nas fheàrr do mhuinntir an àite.

Nì NHS na Gàidhealtachd co-dhùnadh air na planaichean nas fhaide den bhliadhna, agus tha iad a' sireadh bheachdan mhuinntir an àite air na planaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile