Ath-leasachadh "radaigeach" air fàire
- Air fhoillseachadh

Cha bhi Pàrlamaid na h-Alba "air a dleastanasan a choileanadh" ma dh'fhailicheas e oirre ath-leasachadh radaigeach a dhèanamh air fearann na dùthcha.
Sin na chanas Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, air prògram aithriseach a thèid a-mach air BBC a h-Aon oidhche Chiadain.
Tha cò leis a tha am fearann an Alba gu math connspaideach.
Thathar ag ràdh gur ann le beagan nas lugha na 450 neach a tha an dàrna leth den fhearann phrìobhaideach san dùthaich, cuid dheth air na h-oighreachdan mòra seilge.
Tha na h-uachdarain ag ràdh gu bheil pàirt deatamach agus prìseil aca ann am beatha agus eaconamaidh nan sgìrean dùthchail.
Ach tha Pòl Wheelhouse den bheachd gu bheil mar a tha fearann prìobhaideach air a roinn ann an Alba mì-chothromach.
Thuirt e gu bheil Pàrlamaid Holyrood air an t-slighe a-nis gus ath-leasachaidhean mòra a' dhèanamh air na riaghailtean.
Chithear barrachd air an sgeulachd seo oidhche Chiadain air BBC Scotland Investigates: The Men Who Own Scotland, beagan an dèidh 10:30f air BBC 1.