Tubaist mhairbhteach air Ghàidhealtachd

Tha Poilis air a' Ghàidhealtachd a' sireadh taic an t-sluaigh 's iad a' rannsachadh mar a chaidh duine a mharbhadh ann a' tubaist-rathaid san Eilean Dubh oidhche Mhàirt.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste aig Leanaig mu 6:30f, ach cha b' urrainn dhaibh an dràibhear, a bha 44, a shàbhaladh.

Bha an A835, rathad Ulapuil, dùinte airson còrr is trì uairean de thìde.

Tha na Poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic carbad Ford Ranger gorm ri taobh an rathaid eadar Baile Màiri agus an Todhar fios a leigeil thuca air àireamh fòn 101.