Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Morair McConnell

Thuirt am Morair McConnell, a bha na Phrìomh Mhinistear Làbarach ann an Alba, nach eil e ag iarraidh Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu am-bliadhna a bhith air am milleadh le aimhreit is deasbad eadar luchd-poilitigs ron referendum air neo-eisimeileachd. Thuirt Seac McConnell gu bheil e airson gun gabh gach taobh gu fois fhad 's a tha na geamaichean a' dol air adhart san Iuchar agus anns an Lùnastal.

Sonny Kiernan

Tha poilis ann an Glaschu a' rannsachadh bàs mac a' chleasaiche telebhisean, Ford Kiernan. Fhuair na poilis fios mu bhàs Sonny Kiernan, a bha 12 bliadhna a dh'aois, Oidhche Luain. Bidh rannsachadh post mortem ann a dh'fhaicinn dè thug bàs dha.

Tubaist heileacoptair

Tha rannsachadh a' dol air adhart an dèidh tubaist le heileacoptair airm Aimeireaganach ann an Norfolk ann an Sasainn a-raoir. Chaidh an ceathrar criutha a mharbhadh. Chaidh pàirt den sgìre a dhùnadh air a' mhòr-shluagh agus dragh ann mu chunnart bho pheilearan agus armachd a bh' air an itealain. Thuirt feadhainn a chunnaic na thachair gun robh an heileacoptair a' siubhal fìor ìosal agus gun robh fuaim neo-àbhaisteach ann.

Pòl Wheelhouse

Tha Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, ag ràdh gum bi Pàrlamaid na h-Alba air muinntir na h-Alba a thrèigsinn mura toir iad atharrachadh radaigeach air ath-leasachadh an fhearainn. Tha esan ag ràdh gum feumar am fearann a roinn air dhòigh nas cothromaiche. Ach tha uachdarain ag ràdh nach eil feadhainn a tha ag iarraidh leasachaidh fearainn a' toirt feart air a bhuannachd a tha na h-oighreachdan aca a' cur ris an eaconomaidh ann an sgìrean dùthchail. Tha beachdan Mhgr Wheelhouse ann am prògram telebhisean a thèid a chraoladh air a' BhBC ann an Alba a-nochd.

Tubaist

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu thubaist anns an deach duine, a bha 44, a mharbhadh air rathad an A835, faisg air Cearcaill Rathaid Thodhair anns an Eilean Dubh. Thachair an tubaist mu 6:30f an-dè, agus tha poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic carbad Ford Ranger liath ri taobh an rathaid aig an àm.