Teine ann am Port Rìgh

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Seirbheis an Smàlaidh gun do rinn iad cobhair air sianar às dèidh teine ann am Port Rìgh tron oidhche.

Chaidh fios a chur thuca mun teine air Ionad a' Chruachain sa bhaile beagan às dèidh 02:00m Diardaoin.

Bha luchd-smàlaidh bho Phort Rìgh fhèin, Stafainn, agus Ùige an làthair.

Dh'fhàg iad an làrach mu 05:30m.

Chaidh còignear a thoirt dhan ospadal às dèidh dhaibh ceò a ghabhail air an anail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh