Ministear Cumhachd na h-Alba an Nirribhidh
- Air fhoillseachadh

Tha Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, ag ràdh gur e neo-eismeileachd an aon dòigh air an gabh Alba brath air na th' aig an dùthaich de stòras ola, gas agus cumhachd ath-nuadhachail.
Tha Mgr Ewing air turas ann an Nirribhidh, far an coinnich e ri riochdairean bho ghrunn chompanaidhean cumhachd, a thuilleadh air òraid a thoirt seachad aig coinneamh mu chumhachd.
Thathar an dùil gun toir e iomradh na òraid air mar a dh'fhaodadh prìomhachas agus àite nas motha a bhith aig Alba neo-eisimeileach, cuide ri Nirribhidh, ann am margaidh chumhachd na Roinn Eòrpa.
Canaidh e gun urrainnear seo a dhèanamh leis gu bheil uimhir de eòlas aig an dà dhùthaich air cùisean ath-nuadhachail, a bharrachd air ola agus gas.
Tha Mgr Ewing den bheachd gu bheil feum air neo-eisimeileachd airson làn-fheum fhaighinn bho chumhachd ath-nuadhachail na h-Alba.
Ach, tha Ministear Dùbhlanach a' Chumhachd ann an Westminster, Tom Greatrex, a bhios cuideachd a' bruidhinn às leth na buidhne iomairt Nas Fheàrr Còmhla, ag ràdh gur ann air sàilleabh co-obrachaidh mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte a tha e comasach do dh'Alba uimhir de dh'fheum fhaighinn bho phròiseactan chumhachd ath-nuadhachail.