A' dìon an uisge-bheatha

Botail uisge-bheatha Image copyright PA
Image caption Tha uisge-beatha Albannach nach eil dha-rìribh Albannach ri fhaotainn air feadh an t-saoghail.

Thèid sgeama ùr a stèidheachadh a chuireas stad air uisge-beatha fuadain a bhith air ga reic fon bhratach uisge-beatha Albannach, neo Scotch Whisky.

Tha Riaghaltas Bhreatainn air cùlaibh na sgeama, 's iad airson 's gum bi fios aig daoine, ann an Alba agus thall-thairis, gur e dha-rìribh uisge-beatha Albannach a tha iad a' ceannach.

Tha uisge-beatha Albannach nach eil dha-rìribh Albannach ri fhaotainn air feadh an t-saoghail.

Tha dòchas ann ge-tà, gun cuir sgeama ùr a chuireas Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, air bhonn Dihaoine às dhan sin.

Sgeama Dearbhaidh Deoch-làidir

Fo Sgeama Dearbhaidh Deoch-làidir, feumaidh luchd-sgrùdaidh HMRC dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile gnìomhachas a tha a' dèanamh uisge-bheatha a' leantainn riaghailtean an Aonaidh Eòrpaich.

Thèid liosta dhiubh sin, agus den fheadhainn a tha ga cheannach, fhoillseachadh an dèidh làimh.

Chuir Manaidsear Thaigh-staile Bhruaich a' Chladaich, Donnchadh MacIlleBhrath, fàilte air an naidheachd, ag ràdh gu bheil làn-thìde aig cuideigin stad a chur air an uisge-bheatha fhuadain.

"Ged nach eil e air tachairt dhuinne fhathast, tha e a' tachairt a rèir coltais, agus 's e stad a chur air an rud a b' fheàrr a thachradh," thuirt Mgr MacIlleBhrath.

Dh'fhaodadh gun tèid an sgeama a leudachadh gu bhith a' gabhail a-steach deoch-làidir eile, leithid branndaidh, leann-ubhall bho Somerset agus uisge-beatha Èireannach a tha ga dhèanamh an Èirinn a Tuath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile