Pàipear Chloinn Ghriogair ga reic
- Air fhoillseachadh

Thèid seann phàipear, 400 bliadhna de dh'aois a tha ceangailte ri àm gu math doirbh ann an eachdraidh na h-Alba a reic aig rùp.
Tha ceangal aig a' phàipear ri Cloinn Ghriogair, a dh'fhulaing geur-leanmhainn fo riaghladh rìoghail anns an 17mh Linn.
B' e Sir Donnchadh Caimbeul à Gleann Urchaidh a chruthaich an làmh-sgrìobhainn ann an 1611.
Thèid a reic aig rùp an ath-sheachdain.
Tha e ag òrdanachadh gun tèid feadhainn a tha fo amharas gun robh iad a' dìon Cloinn Ghriogair fheuchainn ann an cùirtean sgìreil.
Tha am pàipear a' sealtainn cho mòr 's a bha gràinn na stàite air a' chinneadh.
Ochd bliadhna ron a sin, bha an Rìgh Seumas VI air riaghladh fhoillseachadh ag ràdh gun deach an t-ainm Mac Griogair à bith.
Dheadh duine sam bith nach gabhadh ris an riaghladh seo a chur gu bàs.
Chaidh an riaghladh an aghaidh Cloinn Ghriogair a tharraing air ais ann an 1774.