Tè à Càrlabhagh a' comharrachadh 100 bliadhna
- Published
Ràinig boireannach à Càrlabhagh aois mhòr Dihaoine, 's i a' comharrachadh gu bheil i 100 bliadhna de dh'aois.
Tha Murdina NicLeòid fhathast ga cumail fhèin frogail agus falainn.
Chaidh Coinneach MacÌomhair a bhruidhinn rithe agus dh'fhaighnich e dhith cò ris a bha e coltach a' fàs suas ann am Breascleit.
Cluinnear tuilleadh mu bheatha Mhurdina NicLeòid air Prògram Choinnich, madainn Dimàirt aig 9:00m.