Referendum na h-Alba: Dè tha pàrtaidhean Nas Fheàrr Còmhla a' tabhainn an àite neo-eisimeileachd?

Bràistean Nas Fheàrr Còmhla Image copyright Getty Images
Image caption Tha na Làbaraich, na Lib-Deamaich agus na Tòraidhean a' dèanamh suas na buidhne iomairt Nas Fheàrr Còmhla.

Dh'iarr Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air iomairt an Aonaidh, Nas Fheàrr Còmhla, innse na bhiodh an lùib a bhith a' bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd do luchd-bhòtaidh.

Thuirt i gun robh Pàipear Geal an Riaghaltais Albannaich a' cur air adhart "argamaid làidir" agus thuirt i gun robh an leithid a dhìth bho thaobh eile an deasbaid.

Tha na trì pàrtaidhean a tha a' dèanamh suas na buidhne-iomairt Nas Fheàrr Còmhla air innse gu bheil iad airson 's gun tèid fèin-riaghladh a leudachadh ann an Alba.

Ach dè dìreach a tha iad air a shon, agus dè thuirt iad thuige seo?

Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

Image copyright PA
Image caption Thuirt Johann NicLaomainn gur e pròiseas, seach tachartas, a th' ann am fèin-riaghladh.

Tràth ann an 2012, thuirt ceannard nan Làbarach, Johann NicLaomainn: "'S e pròiseas a th' ann am fèin-riaghladh, seach tachartas. Tha mi airson 's gun tèid an suidheachadh a th' ann an-dràsta ùrachadh 's a dhaingneachadh."

Ann am Màrt na bliadhna sin, chuir am pàrtaidh coimisean air bhonn a choimheadadh ri mar a bheirte leasachadh air fèin-riaghladh san àm ri teachd.

Chaidh aithisg eadar-amail, fon tìotal Powers For a Purpose - Strengthening Devolution, fhoillseachadh sa Ghiblean 2013, agus thàinig i dhan cho-dhùnadh gun robh adhbhar gun toirte cumhachd air Cìs an Teachd-a-steach seachad do Holyrood. Fon phlana, bhiodh Buill na Pàrlamaid Albannaich a' co-dhùnadh dè na h-ìrean agus na bainn de Chìs Teachd-a-steach a chuirte an sàs, a rèir chosgaisean an Riaghaltais.

Ach nochd an Coimisean, air a bheil Buill-Phàrlamaid Albannach, Buill na Pàrlamaid Eòrpaich, comhairlichean, buill aonaidhean agus acadaimigich, a thuilleadh air Ms NicLaomainn, draghan am measg cuid de bhuill Làbarach gur e ceum ro fhada a bhiodh ann an sgaoileadh chumhachdan air Cìs an Teachd-a-steach.

Anns an aithisg, thuirt an coimisean nach toireadh iad taic idir do phlanaichean a bheireadh gearradh air maoineachadh na h-Alba, no a lagaicheadh am Barnett Formula.

Fon phlana, ghlèidheadh Westminster smachd air Cìs Chorporra, VAT, cìs ola a' Chuain a Tuath, sochairean agus peinnsean, deoch-làidir agus tombaca.

Tha an aithisg a' cur an aghaidh roghainnean eile, fèin-riaghladh ionmhasail nam measg, air a bheil e a' gabhail "neo-eisimeileachd air cùl sgleò," ach tha i a' putadh airson 's gum bi pàirt nas motha aig riaghltas ionadail ann an Alba - smachd air teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin, agus cìsean a' chladaich nam measg.

Tha an aithisg cuideachd a' moladh gun tèid smachd air cìs charbaid, agus cìs an luchd-siubhail adhair a thoirt seachad do Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Drew Smith, a tha na fhear-labhairt aig na Làbaraich aig gnothaichean bun-reachdail: "'S e am Pàrtaidh Làbarach a chruthaich Pàrlamaid na h-Alba, agus bha pàirt mhòr againn ann a bhith a' leudachadh a cuid chumhachdan tro Choimisean Chalman. Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' togail air an eachdraidh mhoiteil seo, le bhith a' toirt air adhart ar molaidhean air fèin-riaghladh a neartachadh as t-Earrach."

Libearalaich Dheamocratach na h-Alba

Image copyright PA
Image caption Tha na Lib-Deamaich a' cur taic ri Feadaralachd.

Tha na Lib-Deamaich air a bhith taiceil do dh'fhèin-riaghladh do dh'Alba am broinn aonaidh fheadaralaich.

Chuir iad an cuid phlanaichean as ùire air beulaibh an t-sluaigh anns an Dàmhair 2012, le aithisg air an robh Federalism - the best future for Scotland, air a sgrìobhadh le coimisean bun-reachdail le seann cheannard a' phàrtaidh, Sir Menzies Caimbeul, anns a' chathair. Tha Mgr Caimbeul fhèin air a ràdh nach eil an suidheachadh a th' ann an-dràsta "maireannach."

A thuilleadh air tuilleadh fèin-riaghlaidh do dh'Alba - siostam fom biodh a' mhòr-chuid de phoileasaidh na dùthcha air a cho-dhùnadh agus a stiùireadh le Pàrlamaid na h-Alba - mhol an aithisg fèin-riaghladh susbainteach do sgìrean eile den Rìoghachd Aonaichte, Sasainn nam measg.

Bha an aithisg a' moladh "feadaralachd ionmhasail", fom biodh Alba a' togail agus a' cosg a' mhòr-chuid de chìsean, agus a' faighinn iasaidean da rèir fhèin. Dheigheadh cur às don Bharnett Formula, le siostam ùr ga chur na àite "stèidhichte air feumalachdan" a bha a' freagairt air na h-atharrachaidhean ionmhasail eile.

'S ann aig ìre na h-RA a dheigheadh ola a' Chuain a Tuath a ruith, a thuilleadh air sochairean, peinnsein, dìon agus gnothaichean cèine.

Fo na planaichean, dheigheadh cur às do dh'Achd an Aonaidh, agus Gairm Feadaralachd a chur na àite.

Thuirt ceannard nan Lib-Deamach an Alba, Willie Rennie: "Le co-aonta air tuilleadh chumhachdan a' tighinn ri chèile, 's e lèirsinn a' phàrtaidh againne a thaobh chumhachdan ùra a bu chòir a thoirt seachad do dh'Alba nuair a bhòtas Alba airson fuireach san RA, a tha a' dol leis an t-sruth."

Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba

Image copyright PA
Image caption Thuirt Rut NicDhàibhidh gun robh am Pàrtaidh Tòraidheach ag iarraidh "fèin-riaghladh a neartachadh."

Anns a' Mhàrt 2013, chuir ceannard nan Tòraidheach ann an Alba, Rut NicDhàibhidh, coimisean air bhonn, le seann cheannard Thaigh nam Morairean, am Morair Shrath Chluaidh anns a' chathair, a choimhead ri tuilleadh chumhachdan a sgaoileadh do Phàrlamaid na h-Alba.

A' bruidhinn agus i a' cur a' choimisein air chois, thuirt i gun robh am pàrtaidh ""committed to a new path; more responsibility for the Scottish Parliament and a strengthening of devolution."."

Fhad 's a bha i ag iomairt airson ceannas a' phàrtaidh ann an 2011 ge-tà, thuirt Ms Davidson gun robh an suidheachadh a th' ann an-dràsta na "loidhne sa ghainmhich."

Ged a chuir i an coimisean - air a bheil cuideachd seann cheannard a' phàrtaidh Annabel Goldie, seann oifigear riaghlaidh na Pàrlamaid Alex Fergusson, ceannardan gnothachais agus acadaimigich - air bhonn, chan eil Ms NicDhàibhidh a' gabhail pàirt ann an obair na buidhne idir.

Foillsichidh an coimisean aithisg nas fhaide den bhliadhna, tha am pàrtaidh ag ràdh, nuair a bheachdaicheas Ms NicDhàibhidh air na fhuair e mus innis i seasamh a' phàrtaidh air tuilleadh fèin-riaghlaidh, air thoiseach air an referendum air 18mh an t-Sultain.

Thuirt labhraiche do na Tòraidhich: "Tha Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba gu daingeann airson 's gun obraich fèin-riaghladh nas fheàrr do mhuinntir na h-Alba, agus 's e sin as coireach gun do chuir sinn Coimisean Shrath Chluaidh air bhonn, a dh'fhoillsicheas aithisg air thoiseach air bhòt an referendum."