Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Roinn an Ionmhais

Thug Roinn an Ionmhais aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gealltanas seachad an-diugh gun gabh iad uallach nam fiachan a th' air an Rìoghachd Aonaichte gu lèir, nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd san referendum san t-Sultain. Ach thuirt Roinn an Ionmhais gum feumadh Alba neo-eisimeileach a h-earrainn fhèin de na fiachan sin a phàigheadh. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gu bheil, mu dheireadh thall, an Riaghaltas ann an Lunnainn a' tuigsinn fìrinn na cùise. Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' maoidheadh gur dòcha nach gabh Alba neo-eisimeileach a h-earrainn fhèin de na fiachan nàiseanta mura biodh cothrom aig Alba fhathast air an not a chleachdadh mar airgead.

Droch dhìol

Tha rannsachadh a' tòiseachadh an-diugh air mar a dh'fhuiling clann droch dhìol bho bhuidhnean na stàite, buidhnean saor-thoileach, agus bho bhuidhnean eaglais ann an Èirinn a Tuath airson fad 70 bliadhna. Tha dùil gun lean an rannsachadh 18 mìosan, 's gun gabh e fianais bho chòrr is 300 duine. 'S e an rannsachadh as fharsainge de sheòrsa riamh san Rìoghachd Aonaichte.

Ariel Sharon

Bha ceannardan dùthcha bho air feadh an t-saoghail aig seirbhis aig Pàrlamaid Israel do sheann Phrìomh Mhinisteir na dùthcha, Ariel Sharon, a chaochail Disathairne. Bha e 85 agus e air a bhith gun mothachadh bhon ghabh e stròc bho chionn ochd bliadhna. Bidh an tiodhlacadh aig a dhachaigh ann an ceann a deas Israel, faisg air Gaza.

Eileanan

Gabhaidh Comhairle nan Eilean Siar beachd an t-sluaigh air na cumhachdan a bharrachd a dh'iarradh iad dhan chomhairle. Tha na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn uile an dòchas tuilleadh smachd fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba air gnothaichean sna sgìrean aca fhèin. Thèid cho-chonaltradh a dhèanamh, a' tòiseachadh anns na h-Eileanan an Iar a-màireach.

MAIB

Thug Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, an MAIB, rabhadh às ur do dh'iasgairean iad uidheamachd rèidio DSC a chleachdadh, a leigeas fios ma tha èiginn ann. Thàinig rannsachadh mun dòigh anns an deach am bàt'-iasgaich, an Achieve, fodha faisg air na Hearadh an-uiridh, gun cho-dhùnadh nach d' fhuair na maoir-chladaich fiosrachadh soilleir bhon bhàta agus gun do chur sin dàil sa chùis. Ged a chaidh triùir a bh' air bòrd a thogail le heileacoptair, chaochail fear dhiubh an dèidh làimh - an sgiobair, Tormod MacLeòid, a bha 46. Rinn aithisg an MAIB moladh ge-tà air Mgr MacLeòid, airson mar a làimhsich e an suidheachadh.

Puirt-adhair

Dh'innis dhà de phuirt-adhair na h-Alba gun robh bliadhna fìor thrang aca an-uiridh. Chaidh 9.8 millean duine tro Phort-adhair Dhùn Èideann, suas 6.3% air 2012. Tha Dùn Èideann a-nis anns a' chòigeamh àite air an liosta de na puirt-adhair as trainge ann am Breatainn. B' e 2013 a' bhliadhna a bu thrainge riamh aig Port-adhair Obar Dheathain, le 3.5 millean luchd-siubhail dha chleachdadh.