Poilis gun amharas mu chorp
- Published
Thuirt na poilis nach eil càil amharasach, aig an ìre seo, mun chorp a chaidh a lorg air a' mhonadh ann an Earra-Ghàidheal an t-seachdain seo chaidh.
Chaidh an corp a lorg faisg air an A83, air iomall an Àrchair, Diardaoin.
Cha deach ainmeachadh fhathast, ach tha coltas gur e seo an corp aig Yulia Solodyankina, tè a bhuineadh dhan Ruis agus a bha na h-oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Thuirt poilis gu bheil an rannsachadh fhathast aig ìre gu math tràth agus gun tèid sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh.
Chaidh Yulia, 22, fhaicinn mu dheireadh aig Stèisean Sràid Bhochanan ann an Glaschu air an 7mh den Ògmhios.
Tha dùil gur dòcha gun deach i air bus a bha a' siubhail dhan Ghàidhealtachd no a dh'Earra-Ghàidheal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 10 Am Faoilleach 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh