Manaidsear ùr aig na Sgitheanaich
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Camanachd an Eilein Sgitheanaich gum bi John 'Spod' MacLeòid os cionn na sgioba ann an 2014.
Tha na Sgitheanaich air a bhith a' lorg mhanaidsear bho dh'fhàg Uilleam MacRath a dhreuchd an-uiridh, is e air fàilligeadh orra àite fhaighinn san lìog ùr nàiseanta fon Phrìomh Lìog.
Bidh Aonghas Dòmhnallach is Dàibhidh Pringle a' cur taic ri Mgr MacLeòid mar leas-mhanaidsearan, le triùir eile gan cuideachadh gach Disathairne.
"Ni Aonghas is Dàibhidh an obair àbhaisteach aig leas-mhanaidsear, is gabhaidh iad an sgioba mura h-eil mi fhìn ann air sgàth dleasadanas obrach, ged a tha mi an dòchas nach tachair sin ro thric", thuirt Mgr MacLeòid.
Trèanadh
"Bha Aonghas na mhanaidsear agus leas-mhanaidsear againn mar-thà agus tha fios aige dè tha roimhe. Tha Dàibhidh air obair glè mhath a dhèanamh a' coidseadh òigridh aig Bun-sgoil Phort Rìgh is tha an trèanadh aige fìor mhath", thuirt e.
Mhìnich Mgr MacLeòid dè dìreach an dleastanas a bhios air an triùir eile san sgioba choidsidh aige.
Thuirt e gum bi Ally 'Mor' Moireasdain is Donaidh 'Digg' Dòmhnallach an làthair aig gach geama is gum bi iad a' meòrachadh air mar a tha na Sgitheanaich a' cluich is dè na h-atharraichean a dh'fhaodadh iad a dhèanamh gus làmh an uachdair fhaighinn.
Bidh àite cuideachd do Dhùghlas MacDhùghaill.
'S e an obair a bhios aige gnothaichean mar obair-phàipeir, na lèintean is camain a chur air dòigh, is cothrom a thoirt dhan fheadhainn eile an sgioba fhèin a dheasachadh.
Spionnadh
'S e structar inntinneach a th' ann is bidh na Sgitheanaich an dòchas gun cuir e spionnadh annta gus Lìog Tuath 1 a bhuannachadh.
Tha iad cuideachd air innse gur e a-mhàin daoine a tha a' nochdadh aig trèanadh a gheibh àite san sgioba.
Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e an dùil innse an ceartuair dè na geamaichean càirdeil a bhios aig na Sgitheanaich mus tòisich an seusan.
Chan eil na Sgitheanaich air co-dhùnadh fhathast cò am manaidsear a bhios air an dàrna sgioba am-bliadhna.
Coinnichidh iad an ceartuair is iad an dòchas gun gabh cuid de na cluicheadaran nas sinne uallach 'son na sgioba.