Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-atmhorachd

Thuit an atmhorachd gun ìre as lugha ann an ceithir bliadhna. Tha an clàr airson ceannach, an CPI, a-nis aig 2%, an ìre air am bheil Banca Shasainn ag amas. Tha e coltach gur e prìs a' bhìdh a bhith a' tuiteam as motha as coireach, ach tha Oifis an Staitistig Nàiseanta ag ràdh, a dh'aindeoin sin, gu bheil mòran fhathast a' strì ri cosgaisean bith-beò làitheil.

Dìon chloinne

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh dìon a chur air clann bho fheadhainn a tha a' gabhail brath orra airson feise. Tha Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil cion-fiosrachaidh ann mun trioblaid. Rinn a' chomataidh sgrùdadh air a' chùis an dèidh ath-chuinge fhaighinn bhon charthannas cloinne, Barnardo's.

Francois Hollande

Bidh coinneamh-naidheachd aig Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, an-diugh far am foillsich e planaichean an riaghaltais aige airson na h-eaconomaidh. Ach tha a h-uile coltas ann gum bi barrachd aire air a bheatha phearsanta. Tha a chàraid, Valerie Trierweiler, fhathast san ospadal, far an deach a toirt Dihaoine, an dèidh aithrisean gu bheil Mgr Hollande a' falbh le boireannach eile.

Bàthaidhean

Chaidh mu 200 duine a bhàthadh nuair a chaidh car de bhàta ann an ceann a deas Sudan agus iad a' teicheadh bho shabaid ann am baile Malakal. Thuirt fear-labhairt gun robh cus dhaoine air a' bhàta, air Abhainn Nile, agus gun deach a h-uile duine a bha orra a bhàthadh.

Companaidh dealain

Bidh coinneamh ann an Steòrnabhagh an-diugh a' bruidhinn air companaidh dealain ionadail a stèidheachadh. Tha Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba ag ràdh gun dèanadh e ciall dha na h-Eileanan a bhith a' cleachdadh an dealain a thèid a chruthachadh anns na h-Eileanan, seach a bhith a' feitheamh ri càbal a bheir dealain gu Tìr-Mòr.

Raoghard

Thèid plana airson tuath-gaoithe anns am biodh 13 crainn ann an sgìre Raoghard, an Cataibh, a dheasbad aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh. Tha cha-mhòr 30 gearain ann an aghaidh an sgeama, ach tha oifigich na Comhairle a' moladh cead dha.

Sgoil ùr

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd a' deasbad plana airson bun-sgoil ùr ann an Inbhir Ùige. Bhiodh àite ann do cha-mhòr 400 sgoilear, le sgoil-àraich agus goireasan spòrs. Tha oifigich na Comhairle a' moladh cead dhan phlana.