Leabhraichean-là bhon Chogadh Mhòr
- Air fhoillseachadh

Thèid leabhraichean-là nan ciad aonadan airm a chaidh a-null dhan Fhraing aig toiseach a' Chogaidh Mhòir fhoillseachadh air-loidhne bho Dhimàirt.
Tha seo mar phàirt de dh'iomairt ùr airson tuilleadh fiosrachaidh a thoirt às na pàipearan oifigeil, agus a sgaoileadh.
Chan e leabhraichean-là pearsanta shaighdearan a th' annta seo idir, ach leabhraichean-là oifigeil nan ionadan airm a bha an sàs anns a' chogadh.
Làmh-sgrìobhainn
Sgrìobhte ann an làmh-sgrìobhaidh nan oifigearan a bh' ann aig an àm, chithear cunntas làitheil air an t-sabaid anns an robhar an sàs.
Le ginealach a' Chogaidh Mhòir a-nis uile air bàsachadh, tha e nas cudromaiche na bha e riamh am fiosrachadh a thoirt am bàrr.
Thuige seo, 's ann a-mhàin anns an Tasglann Nàiseanta ann an Lunnainn a bha na cunntasan oifigeil bhon arm rim faighinn, agus dh'fheumadh tu a dhol a Lunnainn airson an leughadh.
Thathas a-nis gan cur ann an cruth didseatach airson a' chiad uair, 's gan cur air-loidhne air làrach-lìn an Tasglann Nàiseanta.
Thèid a' chiad earrann air-loidhne Dimàirt, agus thèid cuir ris thairis air còig bliadhna.
Operation War Diary
Thèid pròiseict nas fharsainge a chur air bhog cuideachd, Operation War Diary, airson fiosrachadh a thoirt às na leabhraichean-là.
Nì an Tasglann Nàiseanta seo an co-bhann ris an Imperial War Museum agus an làrach-lìn Zooniverse.
Air a' cheann thall, thig dealbh às a tha nas mionaidiche na bh' againn a-riamh air a' Chiad Chogadh.