Gleann Fhionghain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iarrtas air Gàidhlig aig làraich an Urrais

15 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuair rannsachadh a rinn Urras Nàiseanta na h-Alba na h-uimhir de thaic do bharrachd Gàidhlig a bhith aig cuid de na làraich aca.

Rinnear an rannsachadh an-uiridh aig Ionad Ghleann Fhionghain.

Sheall an rannsachadh gun robh faisg air an dàrna cuid de dhaoine a' smaoineachadh gum bu chòir co-ionnanachd a bhith aig a' Ghàidhlig agus a' Bheurla aig làraich an Urrais.