Dreuchdan bàna ann an Dùn Èideann

Bun-sgoil Taibh na Pàirce ann an Dùn Èideann
Image caption Ged a chaidh an obair sa bhun-sgoil a shanasachd dà thuras, cha d' fhuaireadh tagraichean sam bith air a shon.

Tha trì dreuchdan bàn ann an seirbheisean foghlaim Ghàidhlig Dhùn Èideann, beagan mhìosan às dèidh do sgoil Ghàidhlig ùr fhosgladh sa bhaile.

Tha tidsearan àrd-sgoile agus bun-sgoile a dhìth, a thuilleadh air co-òrdanaiche airson sgoil-àraich.

Ged a chaidh an obair sa bhun-sgoil a shanasachd dà thuras, cha d' fhuaireadh tagraichean sam bith air a son.

A rèir Bhòrd na Gaidhlig, chan e duiligheadas sònraichte dhan Ghàidhlig a tha seo, agus tha adhartas ga dhèanamh ann am fastadh thidsearan.

Bun-sgoil Taobh na Pàirce

Nuair a dh'fhosgail Bun-sgoil Taobh na Pàirce an-uiridh, b' i an treas sgoil Ghàidhlig fa-leth ann an Alba.

Chaidh cha-mhòr 60 sgoilear a-steach gu Prìomh a h-Aon.

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle bhaile Dhùn Èideann: "Chan eil a bhith a' feuchainn ri tidsearan Gàidhlig fhastadh na dhùbhlan ann an Dùn Èideann a-mhàin, ach air feadh Alba.

"Tha e a' toirt misneachd dhuinn gu bheil an sgoil-àraich againn a-nis cho soirbheachail agus gun urrainn dhuinn dreuchd a shanasachd.

"Dh'iarramaid air duine sam bith aig a bheil ùidh sna dreuchdan againn brath a chur chun na Comhairle."

Bun-sgoil

Aig a' bhun-sgoil, chaidh dreuchd thidsear a shanasachd dà uair roimhe, ach cha d' fhuaireadh tagraichean sam bith air a son.

Thuirt a' Chomhairle gun tèid na beàrnan a lìonadh leis an luchd-obrach a th' aca mar-thà agus nach eil planaichean aca, aig an ìre seo, an obair a shanasachd a-rithist.

Tha dleastanas air Bòrd na Gàidhlig daoine a thàladh gu teagasg.

Image caption Tha e na amas aig a' Bhòrd an àireamh a tha a' dèanamh Gàidhlig ann am Prìomh a h-Aon a dhùblachadh, gu 800, ro 2017.

Thuirt Oifigear Fastaidh Luchd-teagaisg na buidhne, Morna Nic a' Bhùidseir, gur ann ri linn an t-àm aig an do dh'fhàg an luchd-teagaisg a chaidh suidheachadh Dhùn Èidinn adhbharachadh.

Dùblachadh

Tha e na amas aig a' Bhòrd an àireamh a tha a' dèanamh Gàidhlig ann am Prìomh a h-Aon a dhùblachadh, gu 800, ro 2017.

Gus sin a choileanadh, feumar barrachd luchd-teagaisg.

Thathar mar-thà a' ruith prògraim mhòir sanasachd, agus tha taic-airgid ri fhaotainn do dh'oileanaich a tha am beachd teagasg Gàidhlig a dhèanamh.

Am-bliadhna, tòisichidh sgeama ùr cuideachd.

"Tha sinn a' cur air adhart seachdain bogadh cànain do luchd-teagaisg agus tha cùrsa-bogaidh fad-ùine, a bheireas bliadhna, ga dhealbh an-dràsta," thuirt A' Bh. Nic a' Bhùidseir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile