BBC Naidheachdan

Comhairle ag iarraidh cead-dealbhachaidh

Published
image copyrightComhairle na Gàidhealtachd
image captionTha an sgeama air a bhith gu math connspaideach.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh 'son atharrachadh a thoirt air goireasan spòrs an iar air a' Chanàl Chailleannach ann an Inbhir Nis agus ceithir pròiseactan nam beachd co-cheangailte ri Ceangal-Rathad an Iar a' bhaile, a th' air a bhith gu math connspaideach.

Tha a' Chomhairle ag iarraidh Raon Goilf Thòrr Bheathain a ghluasad airson ionad spòrs ùr agus pàirceannan a chur na àite.

Tha iad cuideachd am beachd leudachadh a thoirt air a chladh aig Cille Bheathain.

Tha feadhainn a tha an aghaidh na sgeama ag ràdh gum mill e na goireasan a th' ann an-dràsta agus coltas an àite.