£0.5m a bharrachd do sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

£0.5m a bharrachd do sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd £500,000 a bharrachd a chur ris a' bhuidseat aca airson Bun-Sgoil Ghàidhlig ùr am Port Rìgh.

Cha deach an t-airgead seo a chosg air sgoil Ghàidhlig ùr sa Ghearasdan, agus co-dhùin na comhairlichean Diciadain gur ann gu Port Rìgh bu chòir dha dol.

Uile gu lèir, bidh cosgais £8.5m mu choinneimh na sgoile.

Bidh £250,000 ann cuideachd airson foghlaim ro-sgoile.

Tha £3m den chosgais air fad a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba, agus £1.5m a' tighinn bho thabhartas shònraichte airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

Maoineachadh

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd a-nis £4m ris a' phròiseact uile gu lèir.

"Tha seo a' cruthachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig don sgìre, le cùram iomlan ann cuideachd fad là na sgoile," thuirt Cathraiche Comataidh nan Seirbheisean Cloinne agus Inbheach, Alasdair Christie.

"Bidh feum ann cuideachd don choimhearnachd, agus bidh e gu feum a thaobh a bhith a' brosnachadh aithne cultair na Gàidhlig.

"Mar sin dheth, 's e rud mòr a th' ann, 's tha e a' gabhail a-steach a h-uile pàirt de chultar na Gàidhlig, agus foghlam Gàidhlig."

Chaidh leasachadh a dhèanamh air planaichean airson na sgoile an dèidh ath-sgrùdaidh a rinneadh air na bhiodh a dhìth a thaobh seòmraichean teagaisg agus ghoireasan eile.

A-nis, bidh sia seòmraichean teagaisg san sgoil, airson clasaichean tron là, agus cùram-cloinne taobh a-muigh là na sgoile.

Bidh àite ann cuideachd airson croileagain.

Tòisichidh obair-togail air an sgoil ùir ann an 2015.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh