Gairm nan Gàidheal
- Air fhoillseachadh
Tha Pròiseact nan Ealan a' ruith sreath de thachartasan am-bliadhna airson 100 bliadhna a chomharrachadh bho thòisich an Cogadh Mòr.
Thèid na rinn eileanaich anns a' chogadh a chomharrachadh tro dhràma, ceòl, òrain agus taisbeanaidhean.
Thuirt Criosaidh NicRath, a tha os cionn na pròiseict: "Leis na bha de dh'eileanaich an sàs anns a' Chiad Chogadh, bha sinn airson seo a chomharrachadh ann an dòigh a bha iomchaidh agus freagarrach."
Chaidh an Cogadh a ghairm san Lùnastal 1914, agus ro dheireadh na bliadhna sin, bha 4,000 duine à Leòdhas a-mhàin air a dhol an sàs ann.
Thuirt a' Bh. NicRath gun robh am pàtran sin ri fhaicinn air feadh nan eilean - bha daoine deònach agus deiseil, gu ìre, airson a dhol an sàs.
Anns a' Mhàirt, bidh dealbhan-chluich ri fhaicinn ann an còig diofar coimhearsnachdan: sna Hearadh, Uibhist a Tuath, Barraigh agus Leòdhas.
Chaidh còig sgrìobhaichean fhastadh gus sgriobtaichean nan dealbhan-cluiche a thoirt ri chèile agus, ann an co-obrachadh leis a' chompanaidh ealain, thathas air a bhith a' tional fiosrachaidh bho mhuinntir nan sgìrean.
A thuilleadh air dealbhan-cluiche, thathas ag amas air sgeulachdan nan eileanach innse tro fharsaingeachd de dhiofar sheòrsachan ealain - sgeulachdan, òrain, ceòl agus taisbeanaidhean nam measg.
Thèid na sgeulachdan agus na dealbhan a thathas a' cruinneachadh a thaisbeanadh anns na tallachan air na h-oidhcheanan a tha na dealbhan-cluiche a' tachairt.
"Tha còig sgriobtaichean gu math làidir againn - sgeulachdan inntinneach, agus feadhainn a tha a' buntainn ri na coimhearsnachdan anns a bheil iad gu bhith air an taisbeanadh," thuirt a' Bh. NicRath.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 14 Am Faoilleach 2014