Mì-thoileachas san Apainn

Taigh-solais na h-Apann
Image caption Chaidh muinntir an àite an sàs le peannt ann an 2001 is iad mì-thoilichte le plana cur às do sheann taigh-solais na sgìre.

Tha mì-thoileachas ann am Port na h-Apainn ann an Earra-Gàidheal mu phlanaichean airson pìob òtrachais a chur air uachdar na talmhainn sìos chun a' chladaich.

Tha muinntir an àite ag ràdh gun dèanadh a' phìob sgrios air seallaidhean san sgìre, is gum faodadh sin buaidh a thoirt air turasachd.

Thog na daoine dragh cuideachd nach tàinig Uisge na h-Alba a bhruidhinn riutha mun sgeama, is iad ag ràdh gur e dìreach dà theaghlach a fhuair rabhadh mun phlana.

"'S e an rud as motha a tha a' cur dragh oirnn gum bi a' phìob seo os cionn a' ghrunnd. B' fheàrr leinn gun cuireadh iad fon ghrunnd i agus, a rèir coltais, gabhaidh sin dèanamh," thuirt Pàdraig MacNeacail à Port na h-Apann.

Milleadh

"Tha sin a' ciallachadh, nuair a tha tràigh ann, nach fhaiceadh tu a' phìob idir, agus nach biodh e a' milleadh an sealladh gasta bhon Chamas?

"'S e àite beag a tha seo agus tha gnìomhachas luchd-turais uamharraidh cudromach an seo, agus 's e na seallaidhean brèagha a tha gan tarraing don àite.

"Nan robh a' phìob seo ann, dh'fhaoidte gum biodh e a' cur daoine dheth bho a bhith a' tighinn an seo," thuirt e.

Tha an suidheachadh air cuimhneachain a dhùsgadh air 2001, nuair a chuir muinntir na h-Apann an aghaidh phlanaichean gus taigh-solais ùr a chur an àite seann taigh-solais an àite.

Diombach

Pheant na daoine an taigh-solais pinc is buidhe, coltach ri Mr Blobby, is aodann car diombach air.

Chaidh an dealbh a sgaoileadh fad is farsaing agus, air a' cheann thall, chaidh na planaichean a tharraing.

A bheil coltas ann gum faicear pìob òtrachais coltach ri Mr Blobby ma thèid na planaichean air adhart ma-thà?

"Cò aig a tha fios," thuirt Pàdraig MacNeacail.

Thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad deònach coinneachadh ris na daoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile