Meadhanan gan càineadh mu mhion-chànanan
- Air fhoillseachadh

Chàin Comhairle na h-Eòrpa an dòigh anns a bheil na meadhanan naidheachd ann am Breatainn a' dèanamh tàire air mion-chànanan, leithid na Gàidhlig.
Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil feum air mòr-shluagh Beurla na Rìoghachd Aonaichte oideachadh air luach is seasamh nam mion-chànanan.
Tha na beachdan a' tighinn ann an aithisg oifigeil air mar a tha Breatainn a' coileanadh Cairt nam Mion-Chànanan Eòrpach.
Tha a' bhuidheann, a tha stèidhichte ann an Strasbourg, an urra ri bhith a' cumail suas na Cairte, agus gnothaichean eile co-cheangailte ri còirichean daonna.
Chan ionnan iad agus an t-Aonadh Eòrpach - tha 47 stàitean nam buill de Chomhairle na h-Eòrpa.
Iomagain
Tha iad ag ràdh gu bheil iomagain air na h-eòlaichean aca mar a tha cànanan leithid na Gàidhlig, aig a bheil sluagh a bhruidhneas iad, gan làimhseachadh anns na meadhanan ann am Breatainn.
Tha eagal orra gu bheil tàire ga dhèanamh air na slòigh sin.
"Bha dragh air Comataidh nan Eòlaichean a chluinntinn gun robh luchd-labhairt mhion-chànanan sgìreil air an taisbeanadh gu tàireil anns na meadhanan," thuirt iad san aithisg aca.
"Cha d' thug na h-ùghdarrasan fiosrachadh sam bith seachad mu cheumanan a bhathas a' gabhail airson seo a chur ceart.
"Tha feum fhathast tuigse a bhrosnachadh am measg mòr-shluagh na Beurla san Rìoghachd Aonaichte mu mhion-chànanan na dùthcha, mar phàirt de chridhe dualchais chultarail na dùthcha."
Ged nach eil e ann an cumhachd na Comhairle Eòrpaich toirt air riaghaltasan càil a dhèanamh mu dheidhinn, tha e comasach dhaibh ìmpidh mhoralta agus phoilitigeach a chur orra.
'S ann an urra ri Riaghaltasan na h-Alba, na Cuimrigh, agus Èireann a Tuath a tha gnothaichean mhion-chànanan sna dùthchanan sin den Rìoghachd Aonaichte.
Tha an aithisg a' moladh beachd an Riaghaltais anns an fharsaingeachd air a' Ghàidhlig ge-tà, agus mar a chaidh BBC ALBA a stèidheachadh.
Foghlam
Thog iad dragh ge-tà, mu "dhuilgheadasan mòra" a taobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Tha duilgheadasan mòra practaigeach ann fhathast a thaobh foghlaim.
"Tha gainnead mòr thidsearan ann fhathast, agus feum air tuilleadh cheumanan aimsichte a thaobh sin."
Bha dragh air a' Chomataidh mu laigsean a thaobh mhion-chànanan Bhreatainn gu lèir, agus chuir iad ìmpidh mhòr air an Riaghaltas a thaobh na leanas:
- Bu chòir leantainn le ceumanan airson foghlam ann an Gàidhlig na h-Alba a leasachadh, gu h-àraid a thaobh trèanadh thidsearan agus foillseachadh stuthan teagaisg agus ionnsachaidh.
- Cruthaich agus cuir an gnìomh poileasaidh coileanta airson na Gaeilge, tro reachdas mas urrainn, a' toirt chòirichean reachdail do luchd na Gaeilge.
- Gabh ceumanan susbainteach a dh'ionnsaigh barrachd Chuimris a bhith air a cleachdadh ann an seirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta.
- Neartaich an taic a th' ann do dh'obair Bhòrd Albais Uladh, agus stèidhich teagasg sa chànan sin.
- Stèidhich taic mhaireannach bhon Riaghaltas airson Còrnais.
- Dèan cinnteach nach toir gearraidhean an Riaghaltais buaidh ro mhòr air dìon agus brosnachadh mhion-chànanan.
A thaobh Albais ann an Alba, thuirt a' Chomataidh gun robh measadh air àireamhan luchd-labhairt a' chànain a dhìth mar bhun-stèidh air a bhith a cruthachadh poileasaidh chànain choileanta.