Cluicheadair ùr eile aig County
- Published
Dhearbh Ross County gu bheil iad air cluicheadair ùr eile a thoirt gu Pàirce Bhictoria.
Tha Yoann Arquin, 25, air cùmhnant bliadhna aontachadh às dèidh dha Notts County fhàgail.
Chuir an cluicheadair-aghaidh 13 tadhail ann an 65 geama 'son na Magpies.
Rugadh Arquin san Fhraing ach tha e air ball-coise eadar-nàiseanta a chluich dha Martinique.
"'S e cluicheadair sgileil a th' ann, tha e math san aidhear is bidh e comasach dha balaich eile a thoirt a-steach dhan gheama," thuirt manaidsear Ross County, Derek Adams.
Còignear
'S e Arquin an còigeamh cluicheadair a tha air gluasad gu Ross County bho thoiseach na mìos, is Jordan Slew, Evangelos Oikonomou, Michael Tidser is Filip Kiss mar thà air cùmhnantan aontachadh.
Thuirt Adams ge-tà, nach eil e deiseil fhathast, is coltas ann gun cuir e ris a' bhuidhinn aige ro dheireadh na mìos.
"Tha sinn rud beag gann fhathast. Ghluais sinn ceathrar chluicheadairean a-mach bho thoiseach an t-seusain is mar sin tha sinn fhathast ag amas air an sguad a neartachadh," thuirt e.
Tha County an-dràsta san 11mh àite sa Phrìomh Lìog ach tha iad air a bhith a' dèanamh nas fheàrr anns na geamaichean mu dheireadh.