Taighean air màl a dhìth sna sgìrean iomallach
- Air fhoillseachadh

Bhiodh e na bhuannachd do sgìrean iomallach nan Eilean Siar nan gabhadh taighean ùra a thabhann do dhaoine air màl.
Tha sin a rèir Fhir-Ghairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, agus e air tighinn am bàrr gun do dh'iarr Buidheann Taigheadais Innse Gall cead-dealbhachaidh 'son ceithir taighean sòisealta a thogail ann an Ùig' Leòdhais.
'S e sgìre Ùig' aon de na sgìrean as iomallaiche sna h-Eileanan agus tha còrr is 30 bliadhna o chaidh taighean comhairle a thogail san sgìre mu dheireadh.
Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall air cead-dealbhachaidh iarraidh airson ceithir taighean, faisg air a' bhun-sgoil ann an Eireastadh.
Tha iad fhathast gun am fearann fhaighinn gu h-oifigeil, ach chan eil dùil gum bi sin na dhuilgheadas.
Feum
Chan eil dùil a bharrachd gum bi cead-dealbhachaidh na dhuilgheadas agus beachdaichidh Comhairle nan Eilean Siar air a' chùis sna seachdainnean a tha romhainn.
Tha a' Chomhairle agus a' bhuidheann taigheadais ag aithneachadh gu bheil feum air barrachd thaighean airson màl a chur an-àirde ann an sgìrean iomallach nan eilean.
Thuirt Mgr Dòmhnhallach gu bheil iarrtas mòr air taighean ann an sgìre Ùig', 's gur ann glè ainneamh a na tha taighean comhairle a' dol bàn.
"'S dòcha nach e àireamh mhòr de thaighean a th' ann, ach tha ceithir taighean agus ceithir teaghlaichean a' gluasad a-steach do sgìre mar Ùig' a' dèanamh eadar-dhealachadh mòr," thuirt Mgr Dòmhnallach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 6 Am Màrt 2013