Toileachas aig Fèill Loch nam Madadh

Laoigh Image copyright VT Freeze Frame
Image caption Bha luchd-reic toilichte leis na prìsean a fhuair iad.

A dhaindeoin droch gheamhraidh agus gu bheil prìsean air a dhol air ais beagan air crodh reamhar, bha luchd-reic toilichte leis a' phrìs a fhuair iad aig a' chiad fhèill sprèidh den bhliadhna ann an Loch nam Madadh Diardaoin.

Rinn luchd-ceannaich moladh air na laoigh a bha gan reic agus chum sin a' phrìs cha-mhòr aig an aon ìre ri fèill an Fhoghair an-uiridh - an ìre phrìse a b'àirde riamh.

Chaidh beagan gann air 200 laogh a reic.

"Aig an fhèill a tha seo, o chionn dà bhliadhna, tha an àireamh air a dhol suas beagan," thuirt cathraiche Margaidh Sprèidh Loch nam Madadh agus Beinn nam Fadhla, Niall Mac a' Phearsain.

"Tha daoine 's dòcha gan cumail, an àite an reic as t-Fhoghair.

"'S dòcha gur e pàirt dheth sin gu bheil an crodh a' dol nas fhaide air adhart air a' bhliadhna mum beir iad, 's gu bheil iad dìreach airson na laoigh fhaighinn air falbh mu 9 mìosan no 10 mìosan de dh'aois.

"Bha fear no dhà an-diugh, chaidh iad rudeigin faisg air prìs fèill an Fhoghair a-rithist, ach cha robh na h-uiread dhiubh aig an ìre àrd.

"Am beathach a b'fheàrr a bh' againn an-diugh, rinn e còrr is £1,200. Dìreach laogh a bha bliadhna," thuirt e.