An Caol Cumhachdach
- Published
Dh'fhaodadh dàrna leth an dealain a tha a dhìth air Alba a bhith air a chruthachadh sa Chaol Arcach, a rèir rannsachaidh ùir.
Tha an Caol Arcach nas fhreagarraiche na àite sam bith eile ann an uisgeachan Bhreatainn airson cumhachd a chruthachadh.
Le a bhith a' cleachdadh na tìde-mhara dh'fhaodadh, a rèir sgrùdaidh a rinn eòlaichean bho oilthighean Dhùn Èideann agus Oxford, 1.9 gigawatt de chumachd a bhith air a chruthachadh - sin an dàrna cuid de dh'fheumalachdan na h-Alba.
Ach ma tha na h-amasan seo gu bhith air an coileanadh feumaidh crainn a bhith air an togail air feadh leud a' Chaoil.
Thuirt an t-Oll. Guy Houlsby bho Oilthigh Oxford gu bheil a' mhuir timcheall Bhreatainn cho freagarrach ri àite sam bith air an t-Saoghal airson cumhachd ath-nuadhachail a chruthachadh, agus gum faodadh e a bhith na phàirt cudromach de phlana cumhachd na rioghachd.