Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Faoilleach 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mikaeel Kular

Thèid màthair Mikaeel Kular, Rosdeep Kular, mu choinneimh na cùirte ann an Dùn Èideann an-diugh fo chasaid co-cheangailte ri bàs a' ghille bhig. Chaidh corp Mhikaeel, a bha trì bliadhna de dh'aois, fhaighinn ann an coille ann am Fìobha dà là an dèidh dha a dhol a dhìth bho a dhachaigh ann an Dùn Èideann.

Am Morair Renard

Tha caraidean don Mhorair Renard ag ràdh gu bheil am Pàrtaidh Lib-Deamach a' dèanamh dìmeas air. Tha am Morair airson àite a ghabhail a-rithist ann an Taigh nam Morairean, ach tha Ceannard na pàrtaidh, Nick Clegg, ag ràdh gum feum am Morair leisgeul iarraidh mu chasaidean gun do rinn e tàire dhrabasta air boireannaich a bha ag obair dhan phàrtaidh. Tha am Morair Renard ag ràdh nach do rinn esan dad ceàrr.

Ugràin

Tha àimhreit a' sìor-dhol air adhart ann a prìomh bhaile Ugràin, Kiev, far a bheil sluagh a tha a' togail fianais an aghaidh riaghaltas a' Chinn-suidhe Victor Yanukovych, a' sabaid ris na Poilis. Thuirt Mgr Yanukovych gu bheil e deònach bruidhinn ris na pàrtaidhean eile mar dhòigh air an èiginn phoileataigeach a rèiteach.

Siria

Tha mì-chinnt ann ro chòmhraidhean sìthe Shiria, a tha a' tòiseachadh san Eilbheis Diciadain, an dèidh do dh'Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki-moon, cuireadh a thoirt do dh'Ioran. Tha a' phrìomh bhuidheann dhùbhlannach ann an Siria a' maoidheadh a-niste nach gabh iad pàirt anns na còmhraidhean, agus tha na Stàitean Aonaichte ag ràdh nach bu chòir do dh'Ioran pàirt sam bith fhaighinn anns an deasbad, mur a cuir iad taic ri riaghaltas eadar-amail ann an Siria.

An Caol Arcach

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gum faodadh dàrna leth an dealain a tha a dhìth air Alba tighinn às a' Chaol Arcach. Tha eòlaichean bho oilthighean Oxford agus Dhùn Èideann, a rinn an rannsachadh, ag ràdh gum faodadh rothan mòra air grunnd na mara eadar Arcaibh agus Tìr Mòr, faisg air Dà Gigawatt de dhealan a chruthachadh.

Prìosanach

Tha na Poilis a' rannsachadh mar a theich fear a bha an grèim aca oidhche Haoine fhad 's a bha e a' faighinn cùraim aig raon-èiginn Ospadail an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Chaidh a chur an grèim a-rithist oidhche Shathairne. Thuirt na Poilis nach eil cunnart sam bith ann dhan mhòr-shluagh, ach gheall iad gun gabh iad leasan bho na thachair.