Fear air tighinn beò à maoim-sneachda
- Air fhoillseachadh
Thàinig fear-sreap beò a-mach à maoim-sneachda anns a' Mhonadh Ruadh.
Thuit am fireannach, 47, tro bharramhais - sneachda a tha a' stobadh a-mach os cionn oir creige - ann an Coire Cas, ag adhbharachadh na maoime-sneachda Disathairne.
Chuir caraidean an duine fios air luchd-teasairginn, ach choisich an duine a-mach às an t-sneachda, tro chathadh, a dh'ionnsaigh raon-parcaidh Ionad-sgìthidh a' Chùirn Ghuirm.
Thuirt fear-labhairt bho Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, gur e maoim mhòr a bh' ann.
Dh'innis e don BhBC gun deach aig an duine air smachd a chumail air cho luath 's a bha e a' tuiteam, le bhith a' cur a thuagh-deighe an sàs.
Dh'fhàg sin e air muin an sprùillich, seach fodha.
Bha luchd-teasairginn a' coimhead san t-sneachda airson an duine, fhad 's a bha e a' coiseachd a-mach às a' choire, gun fhiosta dhaibh.