Manaidsear ùr sa Mhanachainn

Pàirc Sealladh a' Bhràighe Image copyright Craig Wallace / Geograph
Image caption Bidh Roger Cormack os cionn chùisean aig Pàirc Sealladh a' Bhràighe

Tha a' Mhanachainn air dearbhadh gur e Roger Cormack manaidsear ùr na sgioba.

Dh'innis an cluba gur e Cormack an aon duine a chuir a-staigh 'son an dreuchd is Steafan MacIlleathainn air an tagradh aige a tharraing.

Bha MacIlleathainn os cionn na sgioba thuige seo còmhla ri Iain Moireasdain.

Chuir Cormack fhèin ùine seachad roimhe ag obair mar cho-mhanaidsear còmhla ri MacIlleathainn, ach seo a' chiad turas a ghabhas e làn smachd air an sgioba.

Chluich Cormack dhan Mhanachainn fad iomadh bliadhna is e a' coisinn cliù mar shàr chluicheadair.

Farpais

Rinn a' Mhanachainn glè mhath an-uiridh is iad a' farpais ri Cill Mhàillidh aig mullach Lìog Tuath 1.

Ged a bhuannaich Cill Mhàillidh an lìog air a' cheann thall, bha glè bheag eadar na sgiobaidhean.

Bha deagh là aig a' Mhanachainn cuideachd ann an Cupa na Camanachd, is iad a' cur Camanachd an Òbain a-mach às an fharpais.

Bidh dùbhlan mòr romhpa am-bliadhna ge-tà san lìog ùr nàiseanta fon Phrìomh Lìog.

A bharrachd air Cill Mhàillidh a-rithist, bidh an Gearasdan is Camanachd an Òbain cuideachd an dùil a bhith farpais ris a' Mhanachainn 'son àite sa Phrìomh Lìog.