Cothrom taic do ghnothachasan Gàidhealach

Airgead Image copyright PA
Image caption Faodaidh companaidhean cur a-steach airson gach pàirt den sgeama.

Tha cothrom aig companaidhean a th' airson Gàidhlig a chleachdadh nan cuid margaidheachd brath a ghabhail air maoin de £145,000.

'S e Comunn na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd (HIE) a th' air a cùlaibh.

Tha iad ag ràdh gur e cothrom a th' ann ìomhaigh a' chànain àrdachadh, agus companaidhean a chuideachadh le bhith a' ruighinn air margaidhean ùra.

Tha an sgeama a' ruith air diofar roinnean.

Didseatach

Fon sgeama "margaidheachd is margaidhean ùra" faodaidh gnothachasan tagradh a chur a-steach airson suas ri 60% de chosgaisean pròiseict, gu £3,500 aig a' char às motha - fhad 's a tha pàirt didseatach na lùib, leithid làrach-lìn no eile - no suas ri 60% is £2,000 airson soidhnichean togalaich no carbaid.

Airson phròiseactan "ùr-gnàthachaidh," dh'fhaodar faighinn suas ri 90% de chosgais pròiseict, agus suas gu £15,000.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: "Tha fhios againn gu bheil pròiseactan ann a nì feum air an taic seo bho Iomairt na Gàidhealtachd.

"Tha sinn gu math toilichte gu bheil an cothrom againn àrdachadh an taic as urrainn dhuinn a thoirt seachad ann an cuid de shuidheachaidhean, agus gu sònraichte mun fhòcas làidir air pròiseactan didseatach a tha HIE a' tòirt chun na cùise.

"San là a th' ann, tha ùidh aig daoine bho air feadh an t-saoghail anns a' Ghàidhlig - bho Albannaich a tha a' fuireach thall-thairis, thucasan a th' air a' chànan ionnsachadh gun cas a chur air an dùthaich a-riamh.

"Bheir margaidheachd didseatach cothrom do chompanaidhean san sgìre seo am bathair aca a shìneadh a-mach dha na daoine seo.

"Tha sinn cuideachd air ar dòigh a bhith an comas pròiseactan ùr-gnàthachaidh a chuideachadh.

"Leis an taic seo, dh'fhaodadh companaidh am pròiseact aca a thoirt bhon chiad smuain gu bhith ga chur an gnìomh - no ma tha cosgais a bharrachd na chois na tha e comasach dhan sgeama a ghiùlain, dh'fhaodar an taic seo an cuideachadh gus tuilleadh maoin fhaighinn bho àiteachan eile."

Greis Gnìomhachais

Tha cuideachd roinn eile den sgeama, a tha ag amas air Greis Gnìomhachais shamhraidh a thoirt do dh'oileanaich.

Gheibh co-dhiù 25 oileanach an cothrom a dhol an sàs ann an obair shamhraidh le gnothachasan no buidhnean far a bheil a' Ghàidhlig na cànan làitheil san àite-obrach.

"Tha sinn air an sgeama greis gnìomhachais a lìbhrigeadh cheana ann an compàirt le HIE, agus cuideachd le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd is Comhairle nan Eilean," thuirt Mgr MacNèill.

"Tha fiughar oirnn an compàirteachas seo a chumail a' dol ann an 2014 mar dhòigh air daoine òga a thoirt air ais dha na coimhearsnachdan aca fhèin tron t-samhradh, le bhith a' tabhann cosnadh feumail dhaibh.

"'S fhiach dearbhadh cuideachd gu bheil e an comas dha companaidh neo buidhean tagradh a dheànamh dha gach sgeama - ma tha am pròiseact aca làidir no farsainn gu leòr.

"Bhiodh sin gu sònraichte inntinneach - a bhith a' faicinn pròiseict a bhiodh na bhuannachd dhan chompanaidh, dhan choimhearsnachd agus do dh'eaconamaidh na Gàidhlig aig an aon àm," thuirt e.

Tha na sgeamachan uile fosgailte do thagraidhean a-nis, agus feumaidh an taic-airgid a bhith air a chosg ro deireadh na Dùbhlachd 2014.

Faodaidh gnothachasan, no companaidhean-sòisealta, bruidhinn ri CnaG sa chiad dol a-mach, no tadhal air làrach-lìn ChnaG aig www.cnag.org.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile